Gàidhlig / English
Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba

Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba

Air a sgrìobhadh le Calum air 9mh An t-Ògmhios, 2022
Tha mise air a bhith a’ rannsachadh òrain na Gàidhlig anns an dùthaich seo, “eadar Hiort agus Peairt”, o Thuath gu Deas, o bhun gu bàrr, “o mhullach a cinn gu tròigh a buinn”, agus tha mìltean de dh’òrain na Gàidhlig againn. ’S iomadh thuras tha mi air dol air na rathaidean-mòra, le seallaidhean àlainn a’ dol seachad orm, àitean a b’ àbhaist a bhith air an tuineachadh agus dripeil le daoine. Shaoil mi mu na seòrsa bheathaichean, bheòshlàintean, chur-seachadan agus spòrs a bh’ aca. Mar sin gus turas fada na Gàidhealtachd a chumail inntinneach chur mi romham òrain na Gàidhlig a lorg na tha faisg air fear de na rathaidean-mòra cudromach na Gàidhealtachd a rannsachadh; ’s e an rathad seo an rathad “A9”.
Tòisichidh an A9 bho Dhùn Bhlàthain agus sìnidh e cho fada Tuath ri Inbhir Ùige, le iomadh bhaile eadar a dhà cheann. Tòisichidh sinn o Dheas agus sìnidh sinn gu Tuath:
 
Tapadh Leis na Gàidheil Ghasta” - Sruighlea
Ged a tha Sruighlea ann ro cheann-tòisichidh an A9 tha mi ga chur ann co-dhiù. Tha an t-òran-luaidh seo anns an leabhar “Songs Remembered in Exile”, air a chlàradh ann am Bencadie. Anns an òran tha na Gàidheil a’ dol gu Sruighlea is an uair sin gu Lìte, gus a bhith fastaichte anns an airm –
“Hì hò hò, tha mi fo lionn-dubh,
Hoireann ò, ’s trom gun dìreadh,
Hì hò hò, tha mi fo lionn-dubh.
 
Tapadh Leis na Gàidheil Ghasta
Thug am breacan daithte a Sruighlea.
 
Nuair sheallas mi air mo chasan,
Miad mo bhròin chan fhaod mi innse...”
 
“Òran air Là Sliabh an t-Siorraim” – Dun Bhlàthain
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh mu Bhlàr Sliabh an t-Siorram, Cath Sheumasach anns a’ bhliadhna 1715, le Sìlis Nighean Mhic Ràghnaill –
“Tha mulad, tha gruaim orm, tha bròn,
On dh’imich mo chàirdean air folbh,
On chaidh iad air astar
Gun chainnt mun teachd dhachaigh,
Tha m’ inntinn fo airtneal gu leòr.
 
Mo ghuidhe gun cluinnear sgeul binn
Mun bhliadhna a dh’imich on tìr;
Gun crùn sibh an Sasann
An rìgh dligheach le ’r gaisge,
Is gum pillear leibh dhachaigh gun dìth...”
 
“Marbhrann do Mhac ’ic Ailein” – Inbhir Pheafarraidh (faisg air an A9)
’S e “Och a Mhuire, mo dhunaidh” an t-ainm eile air a’ mharbhrann seo, air a dhèanamh le Niall MacMhuirich. Ged tha Clann Mhic ’ic Ailein stèidhichte anns na Garbh-chrìochan chaidh ceann-cinnidh na fineach a mharbhadh ann an Inbhir-Pheafarraidh, faisg air Uachdar Àrdair air an A9 –
“Och a Mhuire, mo dhunaidh!
Thu bhith ad shìneadh air t’uilinn
An taigh mòr Mhorair Dhrumainn
Gun ar dùil ri d’ theachd tuilleadh
La fàilte is le furan
Dh’ fhios na dùthcha d’am buineadh;
A charaid Iarla Chòig Uladh,
Is goirt leam le ceannard fhear Mhuile do dhìol...”
 
“Òran na Cloiche” – Sgàin (faisg air an A9)
Ged nach deach an t-òran a dhèanamh anns an sgìre tha an t-òran ainmeil eòlach do a h-uile Gàidheal ann an Alba cha mhòr. ’S ann mun Chloich Sgàin, clach-crùnaidh seann Rìghean na h-Alba, a tha e agus an uair a ghoideadh air ais e do dh’Alba bho Shasainn (gun fhios a leigeil dhaibh). Chaidh an t-òran a dhèanamh le Dòmhnall Mac an t-Saoir, “Am Bàrd Phàislig”  –
“S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà,
Hill i em bo ruaig thu i, hill i em bo hà;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.
 
A' Chlach a bha mo sheanmhair
's mo sheanair oirre seanchas,
air tilleadh mar a dh'fhalbh i -
Mo ghalghad a' Chlach!
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà.
 
'S gur coma leam i 'n Cearrara,
no Colbhasa no 'n Calbhaidh,
Cho fad 's a tha i 'n Albainn
nan garbhlaichean casa;
'S i iù ro bha hò ro hill i em bo hà...”
 
“Fàilte Bhràid-Albainn” – Dùn Chailleann
Tha an t-òran gaol-dùthcha seo a’ moladh ceàrn na h-Alba a tha air leth àlainn, an dà chuid Gàidhealtachd nam beann agus Galldachd nam Machair. Tha an t-òran a’ moladh agus ag aithris àilleachd is bòidhchead na sgìre a thaobh a nàdair is beathaichean rin lorg ann gu cianalach –
“Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
'S trom m' aigne 's mi tùrsach gu leòr,
A' sìor chuimhneach na dùthcha
Far 'n do chleachd mi bhith 'm bhuachaille bhò;
Gheibhte sitheann is iasg ann,
Is ealachan lìonmhor air snàmh,
Coileach-dubh agus liath-chearc,
'S ciod tuilleadh a dh'iarradh tu ann...”
 
“Cath Raon Ruairidh” – Coille Chnagaidh
Tha “Cath Raon Ruairidh” air a dhèanamh leis a’ bhàrd ainmeil, Iain Lom. ’S e “Raon Ruairidh” an dearbh àite far an robh an cath fhèin –
“An ainm an àidh nì mi tùs
Air a’ mheann-sa tha am rùn:
Chan i so an aimsir mun dùin an Cèitean oirnn.
 
Nach fhaic sibh loingeas an Rìgh
Cur an spionnadh gu tìr:
Chan e an t-Uilleam tha mì cho dèidheil air.
 
Ach Rìgh Seumas ’s a shìol
A dh’òrdaich Triath gu ar dìon:
Cha rìgh iasachd d’am fhiach dhuinn gèilleachdainn...”
 
Rannan Bho Luinneag Ghaoil – Inbhir-ghruaidh
Chaidh an t-òran a dhèanamh le Aonghas Caimbeul (“Bàrd Eadar a’ Mhucaidh”). Tha Inbhir-ghruaidh na bhaileachan air bruachan na h-Aibhne Garraidh, leis an rathad-mhòr a’ dol crasgach na h-aibhne. Lorgadh an t-òran seo ann an “The Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. XVII”, anns an alt “The Gaelic Songs of Perthshire and their Composers”, le Pòl Camshron –
“O hò nighean, hiri nighean,
O hò nighean, ’chinn duinn àlainn,
Mo ghaol cailin dhonn na buaile,
’S ann a tha mo luaidh ’san Àirigh.
 
Thoir mo shòraidh ’us mo bheannachd
Dh’fhios na h-ainnir ’bheil mo ghràdh-sa,
’S innis gu bheil mi fo smuaintean,
O na chaidh mi suas do’n Bhràighe...”
 
Crìochnaichidh mi an-seo far a bheil sinn is leanaidh sinn oirnn anns an ath bhrath-bhloga. A bheil sibh eòlach air fear de na h-òrain fos cionn? A bheil òrain no dàin agaibhse? Leig fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo