- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Giseagan Gàidhealach (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 28mh An Giblean, 2022
A’ leantail air adhart leis an aon chuspair a bh’ againn co-là-deug air ais, a’ toirt sùil air gèilleanan, gu h-àraidh feadhainn a tha ceangailte ri làithean na seachdaine.Tha cuid ur lathaichean nas fheàrr dhut airson rud no gnìomh sònraichte a dhèanamh:
- Diluain – A’ dèanamh nigheadaireachd; gur glanadh; ur falt a nigheadh; obair-talmhainn a dhèanamh.
- Dimàirt – A’ tòiseachadh saothair ùir.
- Diciadain – A’ faicinn an lighiche; a’ sgrìobhadh litrich; ag iarraidh fàbhar.
- Diardaoin – A’ dìoladh ur peanasan.
- Dihaoine – A’ dannsadh agus obair-gàrraidh a dhèanamh.
- Disathairne – A’ dèanamh rannsachadh cogais agus tàmh.
- Didòmhnaich – Gur mealadh fhèin!
Diluain – Bha e mì-shealbhach tòiseachadh ri treabhadh, no crannadh, air an là seo. Tha abairt ann a tha a’ sealltainn sin dhuinn:
“Tionnsgnadh nìthear Diluain,
Bidh e luath no bidh e mall”.
Bhiodh e sealbhach ri imrich air an là seo:
“Imrich an t-Sathairne mu thuath,
Imrich an Luain mu dheas –
Ged nach biodh agam ach an t-uan,
’S ann Diluain a dh’fhalbhainn leis.”
Chante gur e “Iuchair na seachdaine” a th’ ann an Diluain.
Dimàirt – Tha e sealbhach ri tòiseachadh air crannadh no treabhadh an latha-sa, agus bhiodh e sealbhach nam briseadh an t-acainn oir chrìochnachadh obair an latha!
Diciadain – Bhiodh e mì-shealbhach falt a chìreadh an latha-sa a rèir choltais. Tha abairt ceangailte ris a’ ghiseig seo:
“Galar na tè a chuir a’ chiad chìr Chiadna na ceann.”
Cha bhiodh clann aig an tè a chìreadh a ceann Diciadain, a rèir an leabhar, ach cha chreid mi gum b’ e sin an càs idir, b’ fheàirrde dhuinn gar cumail glan!
As t-Earrach cha thòiseachadh cur an t-sìol gus an là seo. Bhiodh e sealbhach ri cur air an là seo.
Diardaoin – Tha e sealbhach ma bhreitheas uan no laogh air an là seo:
“Diardaoin latha Chaluim Chille –
Latha chur chaorach air seilbh
A dheilbh, ’s a chur bò air laogh.”
Tha e sealbhach falt a gheàrradh an latha-sa mar an ceudna:
“T’ fhalt ’s t’ fhionna Diardaoin,
’S t’ ionga mhaol Disathairne.”
Bidh e mì-shealbhach ma thuiteas Là Fhèill Bealltainn air an latha-sa ged-thà:
“Is iomadh tè bhios gun mhacan baoth
Nuair is ann air Diardaoin bhios a’ Bhealltainn.”
Dihaoine – Tha iomadh ghiseag ceangailte ri Dihaoine: Tha e mì-shealbhach cèilidh air cuideigin a tha tinn Dihaoine no Disathairne; Cha threabhadh air Dihaoine na Ceusta, ach tha iomraidhean ann gun seachnadh daoine iarann a chleachdadh Dihaoine; Cheusadh Iosa air Dihaoine, mar sin tha e air a labhairt gum bi cumhachdan an uilc nas làidire air Dihaoine, mar sin bhiodh “Dihaoine an aghaidh na seachdaine”; Cha rachadh bàtaichean gu muir Dihaoine idir; Cha bhiodh e mì-shealbhach inean no falt a gheàrradh air Dihaoine, no sgianan a gheàrradh, beathaichean a chunntadh, no a dhol faisg air teine; Bhiodh e mì-shealbhach obair fhàgail gu Dihaoine, coltach ri Diluain le tòiseachadh obrach. Mollachar sna làithean an-diugh “Ruithe na h-Aoine ort” air an dearbh adhbhar sin; Bhiodh e mì-shealbhach uan, laogh no beathach eile a mharbhadh – tha feadhainn cho giseagach nach gluaiste an cuid sprèidh Dihaoine idir.
A thaobh clann a bhreitheadh air Dihaoine chante na leithid “Bidh neach a rugadh Dihaoine dripeil”, (tha seo ceangailte ris a’ ghiseig far a bheil e mì-shealbhach obair ri crìochnachadh fhàgail gu Dihaoine, mar sin bhiodh iad nan cabhaig los an obair a chrìochnachadh ron deireadh-seachdaine).
“’S i ’n Aoine bhagarrach nì ’n Sathairne deurach”.
Disathairne – Cha bu chòirear obair deilbh a dhèanamh no a thòiseachadh air Disathairne:
“An rud 'thèid a dheilbh Disathairne,
Bidh stad nan seachd Sathairne air”.
Ma bhios gealach ùr air Disathairne leanaidh aimsir stoirmeil às a dèidh:
“Solas Sathairne gabhaidh e na seachd cuthaich mun tèid e 'mach”.
'S e droch mhollachd a th' ann an “Deireadh nan seachd Sathairne ort” agus tha “Thig nas miosa na sin ort, thig galar nan seachd Sathairne ort” ann cuideachd. Ach, a dh'aindeoin gach iomradh dona mu Disathairne, chan eil Disathairne dona idir dhan neach-obrach; là tòiseachadh an deireadh-seachdaine:
“Och is och Diluain,
Ach 's e mo luaidh Disathairne”!
Didòmhnaich – Tha mòran againn a dh'fhaodamaid a sgrìobhadh mu gheasagan Dhidòmhnaich, ach ma bhuainicheas tu luibh air an là seo cha bhith e dona no ro-mhath dhuibh:
“Luibh an Dòmhnach gun mhath gun chron”!
A bheil sibh eòlach air tè de na giseagan fos cionn? A bheil giseagan eile agaibhse? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo