Gàidhlig / English
Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 4)

Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 4)

Air a sgrìobhadh le Calum air 25mh an t-Samhain, 2021
Fàilte air ais! Chan e ainm fìor a th’ ann an seo gu buileach; cha toir sinn sùil air òrain seanchas na Fèinne ach bheir sinn sùil air òrain a tha ceangailte, no leth-cheangailte co-dhiù, le seanchas na Fèinne.
  1. Bruadar Dheirdre
  2. Am Bròn Binn
 
1. Tha “Bruadar Dheirdre” ceangailte ris “The Ulster Cycle” seach seanchas na Fèinne, ach nochdaidh feadhainn de na h-aon daoine anns an sgeulachd “Deirdre agus Clann Uisnich”. An dèidh do Dheirdre a theicheadh bho Rìgh Conchobar le Naoise, a gaoil seach Rìgh Conchobar, agus a dhithis bhrathair, Ardán agus Ainlé, gu Gleann Èite ri fuireach. Fhuair iad cuireadh ri tilleadh, gun fhiosda dhaibh gun robh an Rìgh air cuireadh a thoirt dhaibh le meall - agus le dùil na trì clann Uisnich a mharbhadh - agus Deirdre a phòsadh. Bha bruadar aig Deirdre mu sheo fhad ’s a bha iadsan a’ seòladh air ais a dh’Èirinn agus cha robh Deirdre ag iarraidh a dhol ann idir ach chan èisteadh Naoise ris a comhairle:
Deirdre: “Chunnacas na trì, na trì
Calman geala geala leis na trì na trì
Balgama meala meala nam beul.
Ò Naoise, chloinn Mhic Uisnich,
Sorchair dubhar mo sgeòil!”
-
Naoise: “Chan eil ann ach bruaillean pràmh
Is lionn-dubh mnà, ’Dheirdre mo ghaoil.”
 
2. Chan eil an sgeul seo ceangailte ri seanchas sam bith ann dualchas nan Gàidheal ach tha e ceangailte le seanchas agus sgeulaireachd Artair agus a Ridirean. Anns an duan “Am Bròn Binn” tha e air a labhairt gun robh Rìgh ann, Rìgh Artair no Rìgh Albann, agus chunnaic e na bhruadar mnà as àille snuadh agus dh’iarr e i airson a bhean. Dh’fhalbh Sìor Falaich (or Sir Balbha, no Gawain), fear ridire an Rìgh, air a leth gus a faighinn. Sheòl e còrr is seachd seachdainean agus trì mìosan agus lorgadh tùr air iomall a’ chuain far an robh a’ bhan-rìghinn. Chan innis mi an sgeul air fad ach mas e gum bu chaomh leibh an sgeulachd a leughadh faodar tuilleadh a leughadh ma dheidhinn an-seo leis “The Carmicheal Watson Project.”:
“Chunnaic Rìgh Breatann na shuain
A’ bhean a b’ àillidh  snuadh fo ’n ghrèin,
B’ fheàrr leis na bh’aige dh’òr
An òg-bhean a bhith aige fhèin.
-
Ach b’ fheàrr leis tuitean an sin,
an còmhrag fir mar bha e fèin,
na dhol a dh’iarraidh na mnà
gun fhios cò ’n t-àite fon ghrèin.
-
Labhair Sior Bhalbha gu fìor:
“‘Thèid mi fhìn ga h-iarraidh dhuit,
Mo fhìn mo ghille is mo chù,
Nar triùir ga sireadh gun dàil.’”
 
Tha mi deiseil a-nis le duain agus laoidhean na Fèinne (agus a tuilleadh) am-bliadhna. Tha fios agam gum bi mòran ann nach do chlàraich mi anns a’ bhrath-bhloga seo ach nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo