Gàidhlig / English
Mìosachan nan Gàidheal: Am Foghar (Pàirt 1)

Mìosachan nan Gàidheal: Am Foghar (Pàirt 1)

Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh An Lùnastal, 2021
Tha an samhradh seachad a-nis agus tha am Foghar romhainn, a’ tòiseachadh leis a’ chiad mhìos den Fhoghair: An Lunàstal. Bheir sinn sùil air làithean naomha, fèilltean agus comharraidhean aimsire a thachras anns a’ mhìos seo.
 
Yn-chied-vee jeh’n ouyr/An Lùnastal
01/08 – Lùnastal (Foghair)/Laa Luanys/Lughnasadh/Lammas.

’S e là sònraichte a th’ ann an seo, tha e dìreach cho sònraichte agus àraidh ri Là Fhèill Pheadair agus Oidhche Shamhna. Air an là seo comhraichear àm tòiseachadh na buana air Èirinn, Alba agus Manainn. Chaidh ainmeachadh às dèidh Lugh, seann dhia nan Ceilteach.

’S e là ceathramh-na-bliadhna a th’ann an là seo agus tha pàilteas de chleachdaidhean ann ri comhraicheadh air an là: Airson uilc fhògradh on taigh, agus o chrodh, cuirear teàrr air earbaill agus cluaisean chruidh. Gabhar os làimh òraidhean ris na sineanan aca agus fastaichear snàthadan gorma agus dearga air an earbaill. Bha bàrr agus ìm air an ullachadh airson ròic is fèill air an latha.

Tha mòran chleachdadh inntinneach aca air Manainn: Rachar an-àird Beinn “Barrule” a Deas agus b’àbhaist do dhaoine anns an naoidheamh linn deug searmon a ghabhail an-sin. Thèid daoine an-àird air an là seo san làithean an-diugh. Nì daoine tadhal air “Chibberyn” (tobraichean) agus fuarain airson an dèanadh slàn agus airson leigheis. Sna làithean seo an-diugh thèid daoine dha na tobraichean seo, gu h-àraidh “Chibbyr Vaaghal” (“Tobar Naoimh Maughold”).

Thèid a’ chiadamh DhiDòmhnaich na mìosa a chomharrachad leis an ainm “Dòmhnach Chroim Duibhe.” Tha an sgeulachd seo ceangailte le Naomh Phàdraig agus Crom Dhubh, seann dhia nan Ceilteach.

Canar air an là seo “Latha Lùnstail caillidh [a’] chreithleag an leth-shùil.”

02/08 – St Lonan’s Day. Comhraichear an là seo air Manainn a-mhàin. Chumadh an là seo faisg air “Kirk Lonan” mile gu tuath air Groudle. Chan eil an là air a chomharrachadh tuilleadh nas motha o chionn linntean.

12/08 – Là Fosgladh an t-Sealg. 'S e seo a' chiad là seilge airson na bliadhna.

Bidh "Là biathaidh a' Bhannaich" agus "Là cuileagach" ann mu àm na bliadhna seo uaireigin far an abaicheadh an t-èorna agus bhiodh na meanbh-chuileagan air leth fiadhaich mun teamhair seo!

15/08 – Féill Moire (Mòr)/Là Meadhon an Fhogharaidh/Laa’l Moirrey Toshee (Mary’s Chief/First Feast day)/Là Fhèill Moire/Là Fhèill Àrdachadh Moire (am-bliadhna). Bha an là seo nas motha na Fèill Moire san Earrach, mar sin ’s e “Fèill Moire Mhòr” a th’ann. Bidh a h-uile duine trang leis a’ bhuain. Canar an gnàth-cainnt “An Fhèill Moire Mhòr as t-Fhogharadh, sguab is ceangal ’s daoin’ às an lèintean (“Big Mary’s Feast in harvest, sheaf and binding and men with their coats off.”) Cumar Fèill air Manainn agus ’s e “Laa’l Moirrey Toshee” an t-ainm air an là seo.

24/08 - Laa’l Parlane. (St Bartholomew’s Day). Tha an là seo air a chomharrachadh air Manainn a-mhàin.
 
Leanaidh sinn oirnn an ath mhìos le dàrna mhìos an Fhoghair, An t-Sultain. A bheil sibh eòlach air na làithean fos cionn? A bheil naidheachd sam bith agaibh mu na cleachdaidhean fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo