- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh An Cèitean, 2021
Fàilte air ais! Tha sinn a’ leantainn oirnne le duain agus laoidhean na fèinne a bharrachd an t-seachdain-sa. Seo liosta eile dhiubh:
- “Dàn Liuthair,” “Dàn Liughair” no “Dàn Liur.”
- “Laoidh an Amadain Mhòir.”
- “Laoidh an Fhir Mhòir” no "Seathan Mac Rìgh Beirbh."
- “Laoidh Mhànais.”
1. ’S ann air an uair a thug an Fhinn cèilidh air Liughair a tha Dàn Liughair. Bha Liughair na chàraid agus na chompanach dhan Fhinn agus na èiginn aig deireadh a bheatha. Thugadh dha am fearainn agus a h-uile nì a bha aige roimhe le Fionn mus do chaochail e:
“’Latha chaidh Fionn fo thigh Liùir
Le aon fichead fhear dèug fear gu fìor;
’S bu cheannard trì naoinear feachd
An t-aon fhear bu tàire dhuinn.
Shuidh bean Liuir air gualain Fhinn
Shuidh Fionn air le’ ghualain Liuir;
Shuidh Rìgh Arta [mar] re Aogh,
Aogh Mac [Garbh] a ghnùis g[h]il...”
[Lorgar na rainn seo an-seo, le “Archive,”air duilleig 126 an leabhair fhèin.]
2. Tha an laoidh seo a’ comharrachadh turas a bhuail na Fianntan le fear mòr, famhair ma dh’fhaoidte. Canar gum b’ e Seathan mac Rìgh Beirbhe a bh’ ann agus gun do ghoid e boireannach. Chaidh a mharbhadh le Còmhraig, fear de na Fianntan:
“Sgeul uamharr a chualas gun bhreug,
Air òinid dh’an geill na sloigh;
Mac meanmnach nach dearg le airm,
D’am b’ainm an t-Amadan mor.
Neart an domhain gu’n ghlac e
’Na lamhaidh ’s cha bu ghniomh borb,
Cha be neart a sgéith no lainn,
Ach an treine bh’ ann a bhi na dhorn.”
[Lorgar na rainn ann an “Tale of the West Highlands,” le J.F. Caimbeul, air duilleig 169, an-seo agus air duilleig 203 den leabhar fhèin ann an “Leabhar na Fèinne,” le J.F. Caimbeul an-seo. Lorgar clàr eile den laoidh seo an-seo.]
3. Bheir “Laoidh an Fhir Mhòir,” no “Seathan Mac Righ Beirbh,” sùil air sgeulachd far an do thug Còmhrag, fear-seilge den Fhinn, cath an aghaidh Seathan Mac Rìgh Beirbh (Bergen ann an Nirribhidh) a ghoid boireannach. Fhuair Còmhrag anns a' chath sin:
“...Gun d' thug cille cinn Choin Fhinn
Còmhrag diotsa anns an troma ghleann;
'Mise Seathan, Mac Rìgh Beirbh
Mac an Fhir ghairg, bu mhòr trosd,
'Gum b'e h-ainm tighinn go teach,
Còmhrag nan còig ceudan con.'"
4. Tha Laoidh Mhànuis car eadar-dhealaichte ach a rèir mo rannsachaidh dheth air an ainm ’s ann air fear nàmhaid na Fèinne a tha an laoidh, le coltas gum b’e Lochlannach a bha Mànus a’ toirt ionnsaigh air an Fhinn:
“...A Chlèirich a chanas na sailm oir leam fhèin gum b’ fheudar do chiall
Nach èist thu ri tàmall sgeul air an fhèinn nach cuala riamh
Air do thomhais, a Mhic Fhinn, ge binn leat teachdaire an fhèinn
Fuaim nan salm air feadh mo bheòil, gur e sin as ceòl leam fhèin...”
[Cluinnear Laoidh Mhànuis anns a’ chlàradh “Laoidh Mhànuis.” Lorgar beagan fhiosrachadh a bharrachd ma dheidhinn le Tasglann Oilthigh Dhùn Èideann.]
Leanaidh sinn oirnne turas eile le tuilleadh duain agus laoidhean na Fèinne. Dè ur seanchas mu na Fèinne nach eil mi air a chantainn mar-thà leis na duain agus laoidhean fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo