- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Bailc na Bealltainn agus Oidhche Naoimh Marcais
Air a sgrìobhadh le Calum air 23mh an Giblean, 2020
Tha mi air leabhar ùr fhaighinn o chionn ghoirid leis an ainm “The Gaelic Otherworld”, a chaidh a sgrìobhadh le Alasdair MacGhriogair Caimbeil, leabhar a tha a’ toirt sùil air seanchas, dualchas, beul-aithris, cleachdaidhean, dinnseanchas, saobh-chràbhaidhean, geasagan agus cràbhadh nan Gàidheal, le caibideal a’ toirt sùil air fèilltean agus làithean nan naomh agus làithean àraidh ri comharrachadh. Theagamh ’s nach eil na làithean seo cho mòr ri làithean eile, mar Bhealltainn no Lunàstal, ach bha iad innteanach a dh’aindheoin sin agus bheir sùil sùil air air “Bailc na Bealltainn” agus “Oidhche Naoimh Marcais”.Comharraichear an là co-là-deug ro Bealltainn. ’S e “Bailc” am facal a th’ air a chleachdadh gus èirigh uisgeachan agus tuinn nam muir a chomharrachadh le blàthachadh na sìde. Tha “Balt Bealltainn,” “Caisean-cumhach,” “Garraiseach na Bealltainn” agus “Rotach Bealltainn” againn an am “Faclan bhon t-Sluagh”, a’ comharrachadh feamainn agus stràilleach a gheibhear aig an reothart.Tha rann ceangailte ris an là fhèin:
“Masa Bailc-Bhealltainn bhlàth,
Masa turadh an treas là,
’S masa gaoth an-ear a-rithis,
Is cinnteach gum bi meas air chrannaibh.”
Tha an rann seo a’ toirt cuimhne orm air rann eile a dh’aithrisear aig àm na Callainne gus àird na gaoithe a thomhas airson na bliadhna. Lorgaidh sibh an rann seo anns a’ bhloga seo.
Tha an ath là agus cleachdadh seo air a chomharrachadh ann am Manainn agus ann an ceann a tuath Shasainn seach ann an Alba, leis an ainm “Oie Noo Markys”, an ceathramh là fichead den Ghiblean, an oidhche ro Là Naoimh Marcais, a chomharrachadh Naoimh Marcais an t-Soisgeulach. Air an oidhche seo thathar a’ creidsinn gu bheil an crìoch eadar an t-saoghail seo agus an saoghal eile gu math tana, còmhla ri “Boaldyn” agus “Hop-tu-naa”. Ma rachar dhan eaglais eadar aon uair deug san oidhche agus uair san oidhche chithear manaidhean anaman dhaoine na coimhearsnachd a thèid a chaochaileadh airson na bliadhna ri tighinn. Tha rann ceagailte ris an t-seanchas seo anns a’ bheurla:
“’Tis now, replied the villiage belle,
St. Mark’s mysterious eve,
And all that old traditions tell
I trembingly believe;
How, when the midnight signal tolls,
Along the churchyard green,
A mournful train of sentenced souls
In winding-sheets are seen.
The ghosts of all whom death shall doom
Within the coming year,
In pale procession walk the gloom,
Amid the silence drear.”
[Lorgar an rann seo air “thebookofdays.com”.]
A rèir bheul-athris, sgaoileadh moll air an ùrlar an oidhche seo anns gach taigh na coimhearsnachd agus ma chitheadh lorg-coise a’ dol a-steach gu broinn an taighe an ath mhadainn chomharraicheadh sin gum biodh leanabh ùr aca anns an teaghlach anns a’ bhliadhna ri tighinn, ach ma chitheadh lorg-coise a’ dol a-mach chomharaicheadh sin gum biodh bàs anns an teaghlach.
An robh eòlas agaibh air na dà làithean an seo? A bheil fiosrachadh no dualchas agaibh fa leth ceangailte ri seo? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo