- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: An t-Earrach (Pàirt 3)
Air a sgrìobhadh le Calum air 11mh Am Màirt, 2021
Fàilte air ais! Bheir sinn sùil air làithean naomha agus fèilltean an Earraich ann an Alba, Èireann agus Manainn, a' leantainn o Mhìosan nan Gàidheal: An t-Earrach (Pàirt 2).16/03 – Naomh Baldwin/St. Abban’s Fair.
Thèid an là seo a chòmharrachadh air Manainn.
17/03 – Là Fhéill Pàdruig/Féill Pàraig/Laa’l Pharick/Laa’l Pharick.
Canar gum bi na làithean ro Là Fhèill Phàdraig car stoirmeil; "A chlaisich làn sneachda, làn uisge, ’s tugha nan taighean.” ["The furrows full of snow, of rain, and the thatch of houses."]
Tha sinn air brath-bhlogaichean a sgrìobhadh mun là àraidh seo, agus mu “Phàdraig a bheannaich Èirinn,” ann an dà phàirt, Pàirt 1 agus Pàirt 2. Mar a tha sinn air a sgrìobhadh mar-thà tha tuilleadh sheanfhaclan agus abairtean againn ceangailte leis an naomh agus leis an aimsir mu àm na bliadhna seo.
- “Laa’l Pherick arree, yn dow gys e staik as y dooiney ass e liabbee.” ["Patrick's spring feast-day, the ox to his stake, and the man from his bed."]
- “Chan eil luibh san talamh Nach eil fad cluas luch dhith mach Latha Fèill Pàraig." ["There is not a herb in the ground, But the length of a mouse's ear of its coming out on St. Partick's Day."] Tha an t-seanfhacal seo a' sealltainn fàs nam blàth agus fàs nan lus mu thòiseachadh an Earraich air Là Fhèill Phàdraig.
- “Reòthairt na Féill Moire, ’ boilich na Féill Pàraig.” ["The spring tides of Lady day And the mad tides of St Patrick's day."] Bidh na tuinn air at mu Là Fhèill Bhrìghde agus Là an t-Sanuis, tha seo soilleir san t-seanfhacal seo.
- “Marbhladh na Féill Pàraig”/“bog-mharbhlainn”/“tòcadh.” ["The deadening of St Patrick's day."] Canar an seanfhacal seo nuair a bhios na tuinn ciùin mu àm na bliadhna seo.
- “Rothart Mór na Féill Pàdruig.”
Tha an iomadh chaochladh ann eadar Là Fhèill Bhrìde agus Là Fhèill Phàdraig, agus tha seo air a shealltainn anns a' chòmhradh seo à Mhuintir Luimhnigh ann an Tìr Eòghainn:
"Gheall Bríd: 'Gach dárna lá go maith ó mo lá-sa amach.'
Dúirt Pádraic innsin: 'Gach a'n lá go maith ó mo lá-sa amach.'"
[Lorgar an rann seo ann an "Sgéalta Mhuintir Luinigh," le Éamonn Ó Tuathail.]
Às dèidh an là seo canar “Seach gun leum an Fhèill Pàraig.” ["Once Patrick's Festival has jumped."]
19/03 – Fèill Naomh Iosaph.
Tha an t-abairt “Ta’n Vayrnt chionney as yn nah bee fanney” [“March tightens and the next month skins”] aca ann am Manainn, agus tha an dà chuid "Gaoth na Seicean" agus "Màirteanan" againn, a' riochdachadh na h-aimsire a thathar an dùil a lorg mu Là Fhèill Phàdraig, a' leantainn bho thòs a' Mhàirt.
Thig "A’ Chailleach" oirnn, a tha car coltach ris "an fheadag," "a' ghobag" agus "an sguabag," mu àm na bliadhna seo. Tha "A' Chailleach" air a chantainn gu bheil i a' cumail nan gràin fodha gun èirigh le òrd, a' cantainn -
- “Buailidh i thall, buailidh bhos, Buailidh i eadar a dà chois.” ["She strikes here, she strikes there, She strikes between her legs."]
- "Thilg i e fon chraoibh chruaidh chuilinn, Air nach do chinn gas feur no fionnadh riamh.” ["She threw it under a hard holly tree Where grass or hair has never grown."]
24/03 - Thig "Am Màrt" dhuinn air a' cheathramh là fhichead a' mhìos far an tòisichear ri sìl a chur mun àm seo.
- “Saothair a’ Mhàirt.” ["The busiest time of March."]
- “A’ ghaoth luath luimeineach Mhàirt.” ["The bare swift March wind."]
- “Am Màrt tioram blàth.” ["Dry genial March."]
- “An linge làn air chionn a’ Mhàirt, ’S tugha nan taighean an claisean nan iomairean.” ["The full pool awaiting March And house-thatch in the furrows of the ploughland."]
- “ged nach cuireadh tu dòirneag an aghaidh na gaoith tuath.” ["though you cannot send a pebble against the north wind."]
- “Is luaithe oidhche sa Mhàrt na dhà san fhogharadh.” ["A night in March is swifter than two in harvest."]
Ach olc air mhath gun d’thig an t-sìd’ Cuir do shìol san fhìor Mhàrt.”
25/03 – Fèill Moire an t-Sanais/Laa’l Moirrey ny Sansh. [The Annunciation.] Bidh Fèill Moire an t-Sanais againn air a' chòigeamh là air fichead den Mhàirt am-bliadhna.
28/03-01/04 – Trì Laithean nan Òisgean/”Trì latha na bà ruaidhe/riabhaich.”
Thèid an là a chomharrachadh ann an Alba air an dà là mu dheireadh den Mhàirt agus air a' chiadamh là den Ghiblean, far an comharraichear na trì làithean a shiubhail na h-Eabhraidhich anns an fhàsach gus an uan na Càisge ìobairt. Tha abairt ann leis nach eil mòran chiall ris ach tha e inntinneach co-dhiù: “Chaidh cuid an taobh sa’n chnoc.” ["Some went on this side of the hillock, some on that."]
Canar "Trì latha na Bà Ruaidhe" air na laithean seo, tha a' ghaoth cho fiadhaich 's gum feannaich e seiche o'n bhò, ga fàgail dearg no riabhach! Canar "Mìos na Bà Riabhaich" mu mhìos a' Mhàirt air sgàth na h-aismire fòirneirte agus carradaiche a thathar an dùil mun mhìos seo.
Leanaidh sinn oirnn le fèilltean agus làithean naomha a bhàrrachd anns a' Ghiblean an ath-mhìos. A bheil làithean naomha no fèilltean ann air nach do chlàr mi am broinn a' bhrath-bhloga seo? Nach leag sibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo