- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: An t-Earrach (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh Am Màirt 2021
Fàilte air ais gu pàirt a dhà de Mìosachan nan Gàidheal: An t-Earrach! Anns a' bhrath-bhloga seo bheir sinn sùil air mìos a' Mhàirt agus na fèilltean agus caochlaidhean na h-aimsire a bhios romhainn am-mìosa.Am Màirt/Mìos na Bà Riabhaich/Mee-veanagh yn arree/Yn-mart
Tha caochladh na h-aimsire is cosail gum bi gnàth-cainnt gan còmharrachadh, gu h-airidh feadhainn à Mhanainn:
- “Share craagh ve ’sy cheer, na mee ny Vayrnt cheet stiagh meein.” [“Better a slaughter in the country than the month of March should come in mild.”]
- “Sheeu hishan dy yoan Mayrnt maaill bleeney Vannin.” [“A peck of March dust is worth a year’s rent in the Isle of Man.”]
- “Ta’n Vayrnt chionney as yn nah bee fanney.” [“March tightens and the next month skins.”]
Tha “Tiormachd-na-Màirt” againn ann an Alba mar an ceudna, leis an aimsir a’ fàs nas fheàrr beag air bheag.
Trusar rochd agus smòt mu àm na bliadhna seo.
Ann an Alba tha caochladh na h-aimsire ainmeil, cho ainmeil fiù gu bheil ainmean fa-leth ann airson gach diofar seòrsa ghaoith a bhios againn!
An Fheadag – Thig an Fheadag às dèidh an Fhaoilleach agus canar gum màir i air a’ chiadamh là den Mhàirt gus an ochdamh là. Tha rann aig Fear Ùisdean MacLachlainn ann “The Gaelic Otherworld” a tha inntinneach mu na Feadaige:
“Ràidhe ’n tig am Faoilleach feannaidh,
Fuar chloch-mheallain, stoirm nam peileir,
Feadag, sguabag, gruaim a’ ghearrain –
Crainntidh ’chailleach as beurra friodhan.”
[“Season in which comes the flaying wolf-month,
Cold hailstones, a storm of bullets,
Feadag, Sguabag, the Gearran’s gloom
And shrivelling Cailleach, sharp bristled.”]
Tha fear eile a tha inntinneach mar an ceudna:
“Feadag, feadag, màthair faoilleach fuar,
Marbhaidh i caoraich is uain,
Marbhaidh i ’n crodh mòr mu seach
’S an t-each ris an aon uair.”
[“Feadag, feadag, mother of the cold Faoilleach,
It kills sheep and lambs,
It kills the big kine one by one
And horses at the same time.”]
A’ Ghobag – Canar gum màir a’ Ghobag fad seachdain ach canar gum màir i trì, ceithir no naoi làithean.
An Sguabag – Canar “Ioma-sguaba na Faoilleach.” [“The eddy winds of the storm month.”] rithe cuideachd. gum màir an Sguabag seachdain.)
An Gearran – Canar gum màir an Gearran fad a’ mhìos agus tha e air a chantainn anns an Eilean Sgitheannach gun lean i às dèidh an Fhaoillich, mu mheadhan an Fhaoillich gu ceann a’ Mhàirt. Tha an t-abairt seo air a chantainn mun àm seo, a’ toirt fealla-dhà mu coltas-ainm mìos a’ Ghearrain agus Fear Gearran, seòrsa eich, a bhios ann mu àm a’ mhìos seo mar an ceudna:
“Thuirt an Gearran ris an Fhaoilleach,
“Càit’ an d’ fhàg thu ’n gamhainn bochd?
“Dh’fhàg mi e aig an Fhear rinn na dùilean
’S a dhà shùil air an t-sop.”
“Ma bheireas mis’,” thuirt am mìos-Màigh,
“Air an anail am barraibh a chluas,
Cuiridh mi ruideis air an tràigh e
’S fheaman air a ghualainn.”
[“Then said the Gearran to Faoilleach
‘Where left you the poor stirk?’
‘I left it with Him who made the elements,
Staring at a stack of fodder.’
‘If I catch it,’ said the May month,
‘With the breath in the points of his ears,
I will send it racing to the hill
With its tail upon its shoulders.’”]
Tha a’ ghaoth mun àm seo air a chantainn a bhith air leth fiadhaich agus fòirneartach, air a shealltainn leis na h-abairtean seo:
- “Chuireadh an Gearran seachd bola staigh air aon toll tora, leis cho gailbheach ’s a bha ’n t-sìd’.
- “Sin thuirt an gearran geàrr, “Nì mi farran/caran ort nas fheàrr
[“Then said the short Gearran, ‘I will play you a trick that is no better –
I will put the big cow in the Mud Till the waves come over my head.”]
05/03 – Là Fhéill Ciarain.
10/03 – Féill Mo Cheasaig. (Chan eil mòran fhiosrachadh againn ma nochdas an là seo air an deicheamh no an dàrna là air fichead den Mhàirt.)
Canar air an là seo “Latha Fèill mo Cheasaig bidh gach easgann torrach.”
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a thrì an ath-sheachdain le ceann-deireidh an Earraich. Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill agaibhse nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo