- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Là Fhèill Pàdraig
Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh Màirt
Mar a tha fios agaibh b’ e Là Fhèill Pàdraig a bh’ ann trì làithean air ais agus ged a tha am bloga seo beagan anmoch tha sinn ag iarraidh an latha a chomharrachadh le seanchasan, dinnseanchasan, cleachdaidhean, seanfhaclan agus abairtean a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig mu Naoimh Phàdraig fhèin, no mar a tha e clàraichte anns an leabhar “The Gaelic Otherworld”, le John Gregorson Campbell, “Pàdraig a bheannaich Èirinn”!Tha e sgrìobhte gun do sgaoil Naomh Pàdraig Crìosdaicheachd a dh’Èirinn agus, anns an leabhar “The Celts” le Nora Chadwick, gun do dh’fhosgail e Èirinn do beachdan ùra à tìr-mhòr na h-Eòrpa le trà-sgrìobhaidhean an àite bheul-aithris a-mhàin. Tha sin gu math fìor leis a bhuaidh fhèin ann an “The Book of Armagh,” “The Annals of Ulster” agus “The Annals of Inisfallen” m.s.a.a. Roimhe sin bha aca ri sgeulachdan agus seanchas na dùthcha a chuimhneachadh gus ri innse ach dh’atharraich sin le trà-sgrìobhaidhean, a bha air leth cuideachail gus sean fhiosrachadh agus eachdraidh aosmhor a chlàradh agus ionnsachadh, mar sgeulachdan na Fèinne, mar eisimpleir, agus na mòr-sgeulachdan nan Lochlannach mar an ceudna.
A thaobh an latha fhèin tha dithis abairtean againn a lorg mi anns an leabhar “Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Sayings” le Dòmhnall Meek, a’ toirt iomradh dhuinn air an aimsir a thathar an dùil fhaighinn air a’ cheann-latha fhèin (17mh Màirt):
“Là Fhèill Pàdraig Earraich,
Là nan seachd is fichead sealladh;
Fòghnaidh sin do each ’s do dhuine,
Is fòghnaidh each is duine dha.”
A rèir an iomraidh leis tha an “seachd is fichead sealladh” a’ mìneachadh na h-obrach a bhios an sàs leis an “duine” agus an each rè an Earraich. Tha “seachd is fichead sealladh” a’ riochdadh “iomlanachd”, le trì iomadaichte ri trì is ri trì. Chan eil an ath fhear againn ag iomradh piseach na sìde ach a thaobh soillse an latha fhèin.
“Suipear gun soillse oidhch’ Fhèill Bhrìghde;
Suipear le soillse Là Fhèill Pàdraig.” ’S e a’ chiadamh oidhche den Ghearran a tha Oidhche Fhèill Bhrìghde.
Anns an leabhar “Gaelic Proverbs” le Alasdair MacNeacail, tha iomadh sheanfhacal eile ceangailte ris an aimsir mu Là Fhèill Pàdraig:
“Cha tig Geamhradh gu cùl Callainn, no Earrach gu cùl Fhèill Pàraig”;
“Foghar gu Nollaig,
Is Geamhradh gu Fèill Pàdraig;
Earrach gu Fèill Peadair;
Samhradh gu Fèill Màrtainn”;
“Is cho fad’ oidhch’ is latha, Là Fhèill Pàdraig”. Chan eil seo fìor gu buileach ach feumaidh gu bheil e a’ comharrachadh latha eile a b’ àbhaist do dhaoine Là Fhèill Pàdraig a chomharrachadh, theagamh.
“Là Fhèill Bhrìghde bàine, bheir na cait an connadh dhachaigh” ach le “Pàdraig Earraich” seach “Bhrìdhde Bàine”.
Air ais dhan leabhar “The Gaelic Otherworld” tha e air a ràdh “seach gun leum an Fhèill Pàraig” (an latha às dèidh Là Fhèill Phàdraig) gu bheil a’ bhàirneach nas fhèarr na an fhaochag: “Latha Fhèill Pàraig, Mùinidh bhàirneach air an fhaochaig”... tlachdmhor... Agus a bharrachd air maoraich tha na h-abairtean “Nuair a bhios an t-each caol, bidh an fhaochag reamhar” agus “’S ann as caoile ’n t-each, ’s ann as reamhaire am partan” cudromach ri aithneachadh cuideachd.
Tha e soilleir leis na seanfhaclan seo gu bheil Là Fhèill Pàdraig a’ comharrachadh an tìm a bhios an geamhradh ag atharrachadh dhan Earrach, tha sin soilleir le abairtean agus faclan a leanas bhon leabhar “The Gaelic Otherworld”:
“Chan eil luibh san talamh
Nach eil fad cluas luch dhith ’mach
Latha Fèill Pàdraig.”
Anns na laithean ro Là Fhèill Pàdraig, chanar “Na claisich làn sneachda, làn uisge, ’s tugha nan taighean” mun aimisir, leis a’ mhuir agus na tuinn air fàs beagan nas àirde, tha sin fìor anns an fhear seo “Reothairt na Fèill’ Moire, ’S boilich na Fèill’ Pàraig” a’ comharrachadh atharrachadh nan tonn eadar Là Fhèill Moire agus Là Fhèill Pàdraig. Leis an aimsir ron latha fhèin tha “Marbhlaidh na Fèill Pàraig” a’ mìneachadh uisgeachan sàmhacha a tha cumanta mun àm seo agus “bog-mharbhlainn” a’ mìneachadh èirigh agus “tòcadh”na mara le blàthachadh na bliadhna.
Tha sinn air mòran a chomhdachadh anns a’ bhloga seo, gu h-airidh faclan is màirnealachd a thaobh Là Fhèill Pàdraig, ach bheir sinn sùil air tuilleadh sheanchas, dhinnseachas, seanfhaclan agus abairtean ceangailte ris an latha seo anns an ath bhloga. A bheil sibh eòlach air fear sam bith de na faclan, abairtean, seanfhaclan agus seanchasan os cionn? A bheil fiosrachadh eile agaibh? Nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo