- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
“Uamh an Òir”, “Uamh a’ Phìobaire” agus “Beowulf”
Air a sgrìobhadh le Calum air 16mh an Giblean, 2020
Bàgh an Dà Dhorais; Uamh Naoimh Chiarain; Uamh a' Gruagaich: Tha e soilleir air aghaigh tìr na h-Alba gu bheil dinnseanchas air leth innteanach againn a thaobh uamhan anns na linntean o sheann, le biastan, creutairean, eachdraidh agus cleachdaidhean nan lùib do na seann Ghàidheil. Tha e innteanach ri fhaicinn gu bheil iomadh “Uamh a’ Phìobaire againn ann an Alba le beagan eòlas man deidhinn dhinn ach tha pàilteas de sgeulachdan agus seanchas man deidhinn.A thaobh sgeulachdan far a bheil uamh na lùib chan eil sgeul ann a thigeadh suas ri “Uamh an Òir” no “Uamh a’ Phìobaire”, uamhan air an dìonadh no air an tuineachadh le uilebheist no creutair uabhasach. Mìosan air ais bha mi a’ bruidhinn le càraid aig an oilthigh agus thòisich sinn a bhruidhinn mu Bheowulf agus bhuail e orm dè cho coltach is a bha an sgeul mun uamha anns an sgeul sin aig na Lochlannaich is na Sasannaich o sheann ris an sgeul a th’ againn mu Uamh an Òir air an Eilean Sgiathanach, faisg air Borgh na Sgiotaig. (’S fheudar dhomh aithris gu bheil mi air an ainm-àite “Uamh an Òir” a lorg mar an ceudna gu taobh siar Ghriseornais. ’S dàicheil gu bheil àitichean eile ann an Alba leis an aon ainm). Anns an dà sgeul tha sgiath-bhiast (no Dràgon, ma thogras sibh) a’ glèidheadh ulaidh mhòr òir agus tha neach air choireigin a’ dol a-steach air a shon le dùil an ulaidh a thoirt on sgiath-bhiast. Tha e beagan eadar-dhealaichte leis an tionndadh againn air sgàth ’s gur e Pìobaire a chaidh a-steach seach pulaidh.
Tha mòran cheòl agus òrain ceangailte ris an sgeul seo, le òrain-luathaidh agus tàlaidhean mar “Uamh an Òir” agus pìobaireachdan, mar an ùrlar “Dà làimh sa phìob” [Chìthear gu h-ìosal], mar eisimpleir. Tha tionndadh den sgeul seo anns an leabhar “The Antiquities of Gigha: A Survey and Guide”, leis an Urramach R.S.G. Anderson a’ bruidhinn mu uamh ann an Giogha. A rèir an tionndaidh seo, tha pìobaire air dol a-steach am broinn na h-uamha leis a chù, gun a bhith a’ tilleadh idir. Ann an sean-eachdraidh eile thill an cù ach leis a bhian loisgte and craiceann-lormaichte. A rèir bheul-aithris, faodar ceòl a’ tighinn à sgoran is eagan na h-uamha gus an latha an-diugh, le pìobaireachd ag aithris strì a’ phìobaire, a’ sabaid an aghaidh an uilebheist:
“Dà Làmh sa phìob, làmh sa chlaidheamh...
’S truagh an-diugh bhith gun trì làmhan”.
Tha an rann a’ ciallachadh gum bu mhiann leis a’ phìobaire làmh eile a bhith aige gus a phìob a chluich fhad ’s a tha e a’ sabaid ris an uilebheist! Tha an aon sgeulachd agus na faclan os cionn ri fhaighinn anns an leabhar “Folksongs and Folklore of South Uist”, le Margeret Fay Shaw.
Tha e air a chreidisnn gun do sgrìobh am pìobaire òran mus deach e fhèin a-steach dhan uamh, tha an t-òran air a sheinn an-diugh mar thàladh, “Uamh an Òir”, a’ seinn gun tèid iomadh bhliadhnaichean seachad air mus till e às an uamh:
“Bidh na fir-uchda nam fir fheachda,
Mun till mi à uamh an òir...”
A rèir seanchais eile dh’fhaodadh na h-uamhan a bhith cho fada is cho domhainn is gun leanadh an t-slighe air adhart gu àite gu tùr eadar-dhealaichte, fiù ’s gu pàirt eile na dùthcha. Tha sin air a chlàradh anns an leabhar “The Antiquities of Gigha: A Survey and Guide”, leis an Urramach R.S.G. Anderson, a rinn aithris air uamh aig ceann a deas Ghiogha a tha a’ crìochnachadh anns an sgìre Cille Eathain, air Cinn-tìre, a rèir coltais! Tha an aon seòrsa sgeulachd ri lorg aig ceann a deas Chinn-tìre; Tha e air a chreidsinn ann an Achadh nan Clach, faisg air Cille Fhaolain, gu bheil tunail ann fo leacan a’ chidsin a’ leantainn gu cille còig milean air falbh. Cluinnear ceòl na pìoba a’ tighinn às an tunail air Oidhche Shamhna, a rèir beul-athris.
Sin againn e a thaobh “Uamh an Òir”, a bheil seanchas no sgeulachdan agaibh fa leth a thaobh na h-uamha, no a bheil sgeul agaibh air uamhan eil car cosail ri seo? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo