Gàidhlig / English
Là Fhèill Brìghde

Là Fhèill Brìghde

Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh an Gearran
’S e Là Fhèill Brìghde (no Brìde) a th’ ann an-diugh agus bu dual do na Gàidheil a bhith a’ comharrachadh an latha àraidh seo ann an iomadh dhòigh. Chomhraicheadh an latha air a’ chiadamh latha den Ghearran ach rinneadh fèill air a’ chiadamh latha deug thar dà fhichead den Fhaoilleach nuair a ghabhadh aoighean aig an taigh. Tha deasbad ann ri cuid dhaoine gur e an aon là a th’ ann eadar Là Fhèill Brìghde agus Latha Fhèill Moire nan Coinnlean ach a thaobh seanchas chan e sin an càs. Is dàicheil gun gabhte Là Fhèill Moire nan Coinnlean ann an àite Là Fhèill Brìghde.

O linntean o fada, mus robh creideamh Chrìosda aig na Gàidheil, chomharraich na Pàganaich “Oímelc”, no “Imbolc” anns a’ “bheurla”. Le teachd an latha thigeadh bainne air ais dha na bà, a bha seasgrach, rè a’ gheamhraidh agus bheireadh Brìghde leatha am bainne agus torrachas air an tìr agus na daoine. Chan e iongnadh a th’ ann gu bheil bainne na phàirt ann comharrachadh an latha seo. A rèir seann chleachdaidhean a leugh mi “thoireadh” bainne dhan tìr is dhan mhuir mar ìobairt gu na dhiathan o sheann, Brìgid gu h-àraidh, mus deach a h-“atharrachadh” gu Ban-naomh Brìghde o Bhrigid ann an àm-iompachaidh nam pàganach.
Anns an leabhar “Wonder Tales of Myth and Legend”, le Dòmhnall Alasdair MacCoinnich, thoireadh bainne no lite dhan tìr no a’ mhuir gus toradh math de èisg agus feamainn fhaighinn air ais bhuapa. Tha sin fìor ann an Giogha aig Dùn Trinnse, air taobh siar an eilein, far am fàgadh brochan ann an leac airson a’ mhùir-làin a thoirt am brochan air falbh leatha. Mar a tha e sgrìobhte leis an Urramach R.S.G. Anderson, ann an “Antiquities of Gigha”;

“... an older generation could remember tales of offerings of milk being poured into some of the cups to propitiate the sea-god. Many of the younger generation can tell of the early days when as children they gathered at tha sailing of the fishing boats, and threw trifles – pins, rags, white stones, etc. – into the sea for luck to the fishermen, evidently a relic of the ancient ritual.” (d. 41)

Ach b’ ann leis na leabhraichean “Ortha nan Gàidheal”, le Alasdair Mac Gille Mhìcheal, is a tha a’ mhòr-chuid de dh’fhiosrachadh mu Bhan-naomh Brìghde sgrìobhte. Tha pàilt sgrìobhte mu sheann chleachdaidhean nan Gàidheal a thaobh Là Fhèill Brìghde, tha “Banas Brìghde/Molta Brìghde” & “Beannachadh Brìghde”, a’ moladh a’ bhan-naoimh. Seo dhiubh dà thaghaidhean àsta:
(1) “Brighde ciabh Moire,
Brighde Moime Chrìosd,-
Gach latha agus gach oidhche
Nì mi Sloinnteachd na Brìghid,
...
Tha mi for chomraig
Mo Naomh Moire;
’S i mo chaomh chomainn
Brighde.”
 
(2) “Is i Brighid mo bhan-chomainn,
Is i Brighid mo bhan-chiùil,
Is i Brighid mo bhan-chobhair,
Mo bhan-rogha, mo bhan-iùil
Gach rogha, gach togha, gach omha, gach iùl.”

A rèir seann chleachdadh nan Gàidheal rinneadh cruinneachadh de chailleagan, “bannal”, doileag bheag ann an ìomhaigh Bhrìde, Brìdeag, air a dhèanamh le slatan-eòrna agus bratagan. Chuirte slige bheag no clach shoilleir air cridhe Bhrìdge leis an ainm “Reul-iùil-Brìghde”, tha seo ceangailte le sgeul Bhrìde gun robh a bha i na muime do Mhoire fhèin aig breith Chrìosda. Tha fiosrachadh a bharrachd air an sgeul sin an seo. Rinneadh "Bonnach Brìghde” mar an ceudna mun tìm seo airson a’ chiad latha den Earrach a chomharrachadh. Rinneadh Croisean Brìghde le luachair, no feur no saidhe ann an cuid sgìrean. Rinn mo charaid fear dhomh an-uiridh is chì sibh an crois a rinn e san dealbh thurrad.

Tha mi ag iarraidh beagan a bharrachd a sgrìobhadh mu Latha Fhèill Brìghde agus ma dh’faoidte ’s gun dèan mi bloga eile ma dheidhinn latha eile. Ma tha sibh ag iarraidh fiosrachadh a bharrachd mu chleachdaidhean agus seanchasan ceangailte le Brìghde nach toir sibh sùil air a’ bhrath-bhloga, a rinneadh le Emily McEwan-Fajita, an seo. Tha i air mòran fhiosrachadh a chlàradh agus a sgrìobhadh. A bheil sibh eòlach air fear sam bith de na faclan agus cleachdaidhean os cionn? A bheil feadhainn eile agaibh? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo