- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An Dreathan-donn
Air a sgrìobhadh le Calum air 9mh an Cèitean
Bha smuaintean an t-samhraidh orm fhad ’s a bha sinn a’ feitheamh air aimsir mhath agus tha sinn san oifis air a bhith a bhruidhinn air “Aithris is Oideas”, leabhar air leth inntinneach, làn le abairtean agus gairmean nan eun agus ainmhidhean. Smuainich mi air an dreathan-donn o chionn ghoirid agus an seanchas ceangailte ris: A rèir coltais tha iomadh bhrath aig na Gàidheil a thaobh an eòin bhig seo agus tha pàilteas de ainmean aca air a shon, nam measg tha dreathan-donn, dreadhann-donn, dreolan agus dròlan againn ann Faclan bhon t-Sluagh. ’S ann aig Dwelly ’s a tha na leanas: dreallan, mionntan, crìonag-ceann-bhuidhe.Tha gnèithean den dhreathan-donn againn air feadh Alba: Tha dreathan-Sealtainneach, dreathan-Hiortach, dreathan-Breatannach, dreathan-tuathach, dreathan nan Eilean Siar, conan-coille, conan-conaisg, agus crìonag-ghiuthais clàraichte le Dwelly. Gu h-inntinneach tha am facal dreolanach air a chlàradh le Dwelly airson gòrach no amaideach, ma dh’fhaoidte ’s gu bheil e a’ riochdadh nàdar an dreathan-duinn.
Ann an sgìre na h-Aird, ann an siorrachd Inbhir Nis, canar gun canadh an dreathan-donn fada, fada fos do chinn ris an iolaire, leis gum b’ urrainn dha itealaich nas àirde sna speuran an coimeas ris an iolaire. Tha seo air a mhìneachadh tuilleadh an seo air Wikipedia. Ann an Aithris is Oideas tha an dreathan-donn a’ seinn:
"Thig, thig, thig a dhiol-déirce,
Thig, thig, thig a ghille-frìde;
Is gillean-frìde na h-eòin uile
Ach mise leam fhìn.
Ach mise leam fhìn,
Gillean-frìde, gillean-frìde”.
Leanaidh mi ri brathan, seanchas agus sgeulachdan mu dheidhinn an dreathan-duinn an ath-sheachdain. Nach leig sibh fios dhuinn air ur sgeulachdan air facebook neo twitter agus ar làrach-lìn fhèin.
DASG: https://dasg.ac.uk/en
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo