Gàidhlig / English
Grunn Sheanfhaclan

Grunn Sheanfhaclan

Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh an t-Ògmhios, 2019
Tha bloga beag agam air ur son an t-seachdain-sa air seanfhaclan measgaichte, sgapte anns a’ Ghàidhealtachd. O chionn ’s gun robh feadhainn dhiubh againn mar-thà bha mi airson fear no dhà dhiubh a shealltainn dhiubh. (Chan do dh’atharraich mi na seanfhaclan cus agus mar sin cha bhith an litreachadh no an gràmar buileach ceart air fad).

’S ann à Uibhist a Tuath ’s a tha an grunn as motha againn an-seo:
  • Cho fialaidh ris an fhaoileig, tha seo eadar-dhealaichte bho fear eile a leugh mi bho leabhar Seòsamh MacBhatair (Watson) “Saoghal Bana-mharaiche”, Tha e ceart cho faoin ris na faoileagan. Tha fios agam carson a theirear gu bheil an fhaoileag fialaidh, ach le mo chuid eòlas air faoileagan ’s i eun faoin a th’ innte nam bheachd! ’S dòcha gu bheil faoileagan nas coibhneile air taobh siar na taobh sear na h-Alba(...)
  • Ruigidh each mall muilleann. Tha seo ceangailte ri Ruigidh an t-each mall am muilleann uaireigin a leugh mi bho “Proverbial Lore in Embo and the other Gaelic-speaking fisherfolk communities of East Sutherland” le “School of Scottish Studies, vol. XIV” le Nancy C. Dorian.
  • Rud nach fhaic sùil, cha mhiannaich cridhe.
  • Rud a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis an uisge, ach tha seo air a thruailleadh bho “An rud a thig leis an uisge, falbhaidh e leis a’ ghaoith”.
  • Chan innis cridhe misgeach breug ach ’s fheudar dhomh aithris gu bheil mi eòlach air an fhear seo air sgàth ’s gu bheil e air a sgrìobhadh air balla taigh-sheinnse ainmeil ann an Glaschu!
 
A’ gluasaid gu àird a dheas gu Latharna a-nis tha triùir againn:
  • Canar Tha là seo coltach ris an là a thiodhlaig iad an Càirsealach Mór air là gaothach le gaoith a’ tighinn à àird an iar-dheas.
  • An uair a theirgeas gach meas, ’s math na mucagan.
  • Teirgidh Cruachan Beann gun dad a chur ’na ceann. Chuala mi Cha seas poca falaimh aiteigin.
 
Ann an Cinn Tìre tha triùir eile againn:
  • Airson an aimsir san àm ri teachd a thomhais labhairte Gealachadh bho thuath, comharradh math. Gealachadh bho dheas, droch comharradh.
  • An dias is truime tha ’s an fhaiche, ’s i is isle ceann.
  • Saoilidh uiseag na mòine gur h-e mòine ’s fheàrr a th’ ann. Tha seo a’ cur cuimhne orm air fear a leugh mi bho leabhar bheurla ghallda, The Cock is crouse o’ his ain midden. ’S mar sin chuala mi Tha an coileach moiteil air an òtrach aig fhèin, ach leig fios dhiunn ma tha sibh air an fhear seo a chluinntinn a-riamh!
A bheil sibh fhèin eòlach air na th’ againn an-seo no a bheil sibh eòlach air feadhainn coltach no eadar-dhealaichte? Leigibh fios dhiunn air Twitter, Facebook agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo