- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gàidhlig Alba Nuadh (Àireamh 2): Beathaichean, an t-Sìde agus Faclan Measgaichte
Air a sgrìobhadh le Calum air 31mh an Fhaoillich 2019
Thug sinn sùil air faclan agus abairtean dual-chainntean Gàidhlig ann an Alba Nuadh roimhe agus tha mi airson tuilleadh innse dhuibh. Anns a’ bhloga seo, bidh sinn a’ bruidhinn air beathaichean, craobhan is planntas, an t-sìde, biadh agus faclan eile.A thaobh ainmean bheathaichean agus eun, lorgar gu bheil iad gu math coltach ri ainmean a th’ againn mar-thà ach tha mìneachadh eadar-dhealaichte aig cuid dhiubh. Mar eisimpleir, dh'aithnich na Gàidheil gur e smeòrach a bha anns an "robin" Aimeireaganach (Turdus migratorius). Tha cuid de dh’ainmean car coltach ri ainmean a th’ againn ann an sgìrean eile de dh’Alba. Mar eisimpleir, ’s e madadh ruadh a th’ aca ann an Ìle agus mòran àitichean eile air sionnach, ’s e maigheach a th’ aca air geàrr ann an Cill-fhinn agus Siorrachd Pheairt agus ’s e màgan a th’ ann gu cumanta air losgann ann an Srath Spè. (Tha blog againn mar-thà air cuspair ceangailte ri seo, thoiribh sùil air). Tha ainmean ann cuideachd air creutairean nach eil againn anns an t-Seann-dùthaich, leithid sgung — agus tha e soilleir gu leòr dè a th’ ann a sin!
A thaobh faclan na coille, tha am facal spruis aca far a bheil am facal giubhas againn ann an Alba. Dh’fhaodadh gu bheil seo a’ sealltainn nan diofar sheòrsaichean de chraobhan a gheibhear anns an dà dhùthaich. Tha am facal spruis air a chleachdadh airson rudeigin dona a ràdh. B’ ann bhon àm a thàinig na Gàidheil a Chanada a tha a’ chiall seo. Bha a’ chraobh-spruis am pailteas agus na bacadh do na Gàidheil a bha a’ feuchainn ris an talamh àiteachadh. Mar sin, thòisich Gàidheil Chanada ri ‘spruis’ a ràdh ri nì sam bith dona.
Tha am facal droighneach car ceangailte ri spruis anns an dòigh gun robh sgudal, mar gum b’ eadh, a’ fàs anns an tìr nach robh gu feum agus a dh’fhàg an talamh na bu dhuilghe ri àiteachadh — an droighneach. Dh’atharraich ciall an fhacail bho bhith a-mach air an lus, an ‘droighneach’ fhein, gu bhith a-mach air ‘sgudal’ san fharsaingeachd. ’S e ‘droighneach’ am facal àbhaisteach a tha ann an cuid de sgìrean air sgudal san latha an-diugh ann an Alba Nuadh. Faodar a chleachdadh mu nithean gun fheum, a’ gabhail a-steach uidheam no dhaoine, mar a tha clàraichte san tasglann. Tha am facal gutramaid a’ ciallachadh ‘sgudal’ cuideachd. Agus, tha coille-dhubh ann airson raointean agus phàircean a chaidh a losgadh airson àiteachadh faisg air a’ Bhaile Mhòr (Antigonish).
Nuair a thig e gu faclan co-cheangailte ris an t-sìde agus ri nàdar, tha iomadh facal ann a tha coltach ris na th’ againn san t-Seann-dùthaich ach tha mìneachadh eadar-dhealaichte aig cuid dhiubh. Mar eisimpleir, tha soirbheas againn ann an Alba (air a chlàradh an Uibhist a Tuath an seo) air gaoth shocair, ach ann an Alba Nuadh chan eil e a’ ciallachadh ach ‘a’ ghaoth’. Bha ceò neimh air a chlàradh airson ceò a nochdas air uisge mus bi e a’ reòthadh. Chuala mi an Deigh Mhòr bho charaid à Alba Nuadh, agus dh’fhaodadh gu bheil e ceangailte ri a leithid de gheamhradh fuar nuair a bhios Loch Bras d’Or, mar eisimpleir, a’ reòthadh. Lorgar am facal lèig an Alba Nuadh a bharrachd air ‘loch’. Mar sin, dh’fhaodamaid Lèig Bras d’Or a ràdh cuideachd.
A-nis, gu cnag na cùise. Biadh. Chan eil a’ chòcaireachd thall cho eadar-dhealaichte bho chòcaireachd na Seann-dùthcha, ach a-rithist bidh cuid de dh’fhaclan air an cleachdadh ann an dòighean eadar-dhealaichte. Tha bonnaich aca mar an ceudna ann an Alba Nuadh, agus tha dà sheòrsa dhiubh air an clàradh nar tasglann bonnach-buidhe agus bonnach-dorcha. Ach chuala mi gum bi am facal ‘bonnach’ aig cuid dhaoine is iad a’ ciallachadh ‘aran-sòda’. ’S e bonnach-èisg a th’ ann air ‘fishcake’. Agus, ’s e briosgaidean a bhios iad ag ràdh ri sgonaichean.
Mu dheireaidh thall, corra fhacal measgaichte. ’S e poidhle a chluinnear gu bitheanta airs ’meall’ no ‘tòrr’.’S e bòcan a theirear cuideachd ri rudeigin eadar-dhealaichte bho ‘thaibhse’ no ‘manadh’, agus bhon eisimpleir den fhacal bòcan a chaidh a chlàradh ann an Srath Spè. Chan e anam duine mairbh a th’ ann a seo seach spiorad a bhios a’ dèanamh fhuaimean agus an leithid aig meadhan-latha. Tha caraid air fios a leigeil dhomh air alt mun ‘Noonday Demon’ air Wikipedia a bhios gu math inntinneach dhuibh.
Sin e bhuam, ma tha faclan eile agaibh à Alba Nuadh, no às an t-Seann-dùthaich cuideachd, nach innis sibh dhuinn. Ma tha beachd eile agaibh airson bloga eile coltach ri seo sgrìobhaibh thugainn air facebook no twitter! Agus thoiribh sùil air An Drochaid Eadarainn agus Cainnt mo Mhàthair airson chlàraidhean Gàidhlig ann an Alba Nuadh a tha air leth inntinneach.
Bu toil leam buidheachas a thoirt do Khathleen Reddy airson a cuid taice, cuideachadh agus foighidinn le nòtaichean agus fiosrachadh a’ bhloga seo agus am fear roimhe cuideachd, mìle mìle taing!
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
An Drochaid Eadarainn: www.androchaid.ca/
Cainnt Mo Mhàthar: www.cainntmomhathar.com/
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo