- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Màgaran
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 20mh an t-Iuchar 2017
Tha ceangal eadar màgaran ri giulla-mhàgach, mar a theirte ann am Muile. ’S e poll a’ mhàgain a theirte ris ann an Gleann Urchadain. ’S e meall a’ mhàgag as àithne dhomhsa. Tha e a’ toirt iomradh air an dòigh anns am biodh am beathach a’ gluasad. Cha bhi leanaban ach a’ màgaran mus téid aca air coiseachd. Nan robh dol-a-mach aig cuideigin a tha gad fhàgail mì-chomhfhurtail leis na dòighean sliopach aca, dh’fhaodte gur e màgaran a theireadh sibh riutha!“Nì meall a’ mhàgag ròc is gràg. Nì a’ chearc fhraoich gorachdal, co-dhiù, ann an Tiriodh!”
Gu dearbh, tha seo a’ cur an cèill dhomh am fuaim car greannach a bhios i a’ dèanamh. Èistibh ris a’ chlàr-fuaim aig a’ Chomunn Rìoghail Dìon nan Eun.
Dh’innis mo mhàthair dhomh gum bu chòir dhuibh “go back, go back, go back!” a ràdh ris a’ chearc-fhraoich nuair a leumradh i seachad oirbh. Ach cuiridh na Gàidheil fàilt’ oirre ann an dòigh eadar-dhealaichte:
Laighibh, laighibh, laighibh,
Caomhnaibh, caomhnaibh bàrr an fhraoich;
Chan fhaigh sibh gu là ach na fhuair sibh,
Caomhnaibh, caomhnaibh bàrr an fhraoich,
Laighibh, laighibh, laighibh,
Tha rann uamhraidh brèagha ann airson an dealan-dè ag itealaich seachad oirbh:
Dhealain-Dè ! Dhealain-Dè!
Cò an deò thug thu fhè’
Dhealain-Dè! Dhealain-Dè!
Thug thu ’n-dè do fhlathas?
Leughaidh sibh gu h-ìseal na th’ aig a’ chalmain:
Chan ann de mo chuideachd thu,
Chan ann de mo chuideachd thu,
Tha mo chùl riut, tha mo chùl riut,
Chan ann de mo chuideachd thu,
Chan ann de mo chuideachd thu,
Agus chuala mi fhìn seo bho bhan-Uibhisteach, is i a’ crathadh corra-chosag bhochd na làimh:
A chorra-chorra-chòsag,
An innis thusa dhòmhsa,
Am bi latha math a-màireach ann,
Is nì mi paidhir bhròg dhut.
Èistibh ri dithis air an sgioba DASG an seo, agus mar a dh’fheuch iad air na rannan seo.
Ma tha sibh ag iarraidh a chluinntinn bho chuideigin a tha nas eòlaiche buileach air a’ ghnothaich, nach èist sibh ri Annag NicIain an seo.
Tha tòrr rannan ann aig a bheil ceangal ri beathaichean, na gairmean agus na gluasadan aca. Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook is Twitter, ma tha sibh eòlach air gin aca.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo