- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gàidhlig na h-Albann Nuaidh (Àireamh 1): Ainmean-àite agus Cainnt Còmhraidh
Air a sgrìobhadh le Calum air 6mh an Dùbhlachd, 2018
Tha ùidh mhòr agam ann am blasan-cainnt agus dual-chainntean Gàidhlig na h-Alba. Tha e air leth inntineach dhomh mar a tha gach dual-chainnt eadar-dhealaichte a thaobh a cuid fheartan, cainnt agus abairtean. ’S e Gàidhlig na h-Albann Nuaidh a thog m’ ùidh an t-seachdain seo. Tha seo a’ gabhail a-steach mòr-roinn na h-Albann Nuaidh ann an Canada, air an tìr-mhòr – gu h-àraidh ann an Siorramachd a’ Mhanaidseir, Siorramachd Antagainis, Siorramachd Phiogto – agus Eilean Cheap Breatainn –Siorramachd Richmond, Siorramachd Inbhir Nis, Siorramachd Bhictòria agus Siorramachd Cheap Breatainn. Mìosan air ais, bha sgioba DASG an làthair aig òraid Khathleen Reddy, à Alba Nuadh fhèin, aig an oilthigh air an aon chuspair agus smuainich mi gum biodh e math sgrìobhadh mu ainmean-àite, faclan agus abairtean muinntir Gàidhlig Chanada. Chan bhi a h-uile nì sgrìobhte ann an seo gu buileach ceart no fìor ach tha e spòrsail sùil a thoirt air na tha air a chlàradh co-dhiù!
Chaidh iomadh facal a chlàradh le iomadh ciall eile ach dh’fheuch sinn ceangal a dhèanamh ri faclan a th’ againn ann am Faclan bhon t-Sluagh à sgìrean eile às ‘an t-seann dùthaich’ (Alba fhèin).
A’ tòiseachadh le ainmean-àite, tha iomadh ainm-àite Gàidhealach air ainmean-àite Beurla ann an Albainn Nuadh. ’S e Am Baile Beag/Glaschu Nuadh an t-ainm a th’ aca air New Glasgow, agus ’s e Am Baile Mòr a th’ aca air Antigonish. ’S e An t-Àrd Bhaile an t-ainm air a’ phrìomh-bhaile, Halifax, agus Baile nan Gall air Englishtown. Gu h-inntinneach, ’s e An Sìthean a tha air Inverness, agus ’s e Sanndraigh a tha air Iona. Tha clàran-dùthcha gu math feumail aig Heather Gabriel Smith de na h-ainmean-àite Gàidhlig air an làraich-lìn aice an seo, agus gheibhear clàr-dùthcha le inneal-siridh an seo.
Nuair a bhios daoine ann an Albainn Nuadh a’ faighneachd do chèile ciamar a tha iad a’ faireachdainn dh’fhaodadh gun canadh iad ‘Dè a’ saoghal a th’ agad?’.
Aig ceann a’ chòmhraidh, agus iad a’ fàgail soraidh slàn aig càch a chèile, an àite ‘tìoraidh’ ’s e ‘Beannachd leat/leibh’ as cumanta. Ann an còmhradh, bidh iad cuideachd ag ràdh ‘Dia na thoiseach!’. Tha mi eòlach air abairtean mar seo à Uibhist a Deas, Mòrar agus Barraigh, sgìrean às an tàinig a’ mhòr-chuid de Ghàidheil na h-Albann Nuaidh. Bu chòir dhomh ag ràdh gun do thuinich muinntir Leòdhais, Na Hearadh, an t-Eilean Sgìtheanach, Siorrachd Rois m.s.a.a. gus a thuinich ann an Canada. 'S e measgachadh dhual-chainntean 's a tha Gàidhlig na h-Albann Nuaidh ann an iomadh dhòigh, agus tha iad uile nam feart cudromach a thaobh leasachadh na Gàidhlig anns an sgìre.
A thaobh ainmean-sloinnidh, bithear a’ farraid ‘Cò b’ athair dhut?’ airson faighneachd mu shloinneadh chuideigin. ’S e dòigh ainmeachaidh ‘sinnsireil’ a tha seo a b’ àbhaist na Gàidheil a chleachdadh gu cumanta. Mar eisimpleir, ’s e Calum mac Ùisdein ’ic Dhàibhidh ’Theàrlaich ’ic Ràghnaill a th’ orm, a’ leantainn ainmean nan sinnsearan agam air ais.
Tha am facal ‘amadan’ air a chleachdadh cuide ri ‘Gomach‘ no ’gomag’ an-diugh.
Chan eil nì ‘uabhasach’, ‘fuathasach’, ‘uamhaidh’, ‘fiadhaich mhath’ ach ‘gàbhaidh’, ach cluinnear 'uabhasach' gu cumanta cuideachd ann an Alba Nuadh an-diugh. Their iad gu bheil iad ‘cuimseach math’ an àite ‘ceart gu leòr’. Dh’fhaoidte a ràdh gu bheil iad ‘an eataras’ cuideachd airson faireachdainn ‘meadhanach math’. Bho na chuala mi, tha abairtean eile ann a tha fo bhuaidh na Beurla, ma dh’fhaoidte, a tha cumanta ann an cuid de sgìrean. Mar eisimpleir, ‘Fhuair e pull’ — tha seo a’ ciallachadh gun robh nì-eigin duilich aig cuideigin ri dhèanamh. Tha seo coltach san aon dòigh ’s a tha daoine ‘a’ tarraing ri obair’ — ann an Albanais à ear-thuath na h-Alba ’s e ‘Yowking-time’ an t-àm a thòisichte obair-latha.
Chì mi sibh a-rithist san ath bhloga le ainmean bheathaichean, ainmean na sìde agus abairtean eile. Leig fios dhuinn mu fhaclan agus abairtean air a bheil sibh fhèin eòlach air facebook agus twitter
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo