- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seumas Teàrlach MacNèill na Bhriathran Fhèin
Air a sgrìobhadh le Eilidh air 8mh dhen t-Samhain 2018
Airson blog na seachdain-sa tha mi airson innse mu fhear air a bheil mi air eòlas a chur bho bhith ag obair air clàraidhean a rinn e ann an 1971 còmhla ri Aonghas Mac a’ Ghobhainn gu tur anns a’ Ghàidhlig, a tha rin lorg a-nis ann an Cluas ri Claisneachd. ’S e sin Seumas Teàrlach MacNèill, neo ‘Jim Charlie’ mar a bh’ aca air sa Bheurla. ’S ann à Barraigh a a bha a theaghlach bho thùs. Thàinig Dòmhnall Murchaidh, a shinn-sheanair, a-nall còmhla ri a dhithis pheathraichean gus beatha ùr a thòiseachadh ann an Alba Nuadh. B’ ann ann an Siorramachd Richmond a rugadh e, ann an coimhearsnachd air a bheil Na h-Eileanan Dearga. Chaochail a mhàthair nuair nach robh Seumas Teàrlach ach sia làithean a dh’aois, is chaidh e fhèin is athair a dh’fhuireach còmhla ri a sheanair ’s a sheanmhair anns a’ Cheap Leathach. Cha robh a’ Ghàidhlig aige bho thùs, ged a bha a’ Ghàidhlig aig a phàrantan, oir bha a sheanmhair a’ gabhail cùram air mar as trice, agus b’ ann à Èirinn a Tuath a bha i. Cha robh facal de Ghàidhlig na h-Èireann neo Gàidhlig na h-Alba aice, mar a tha e fhèin ag innse.Ach, bha peathraichean a sheanar a’ fuireach anns an aon àite, agus bha Gàidhlig gu lèor acasan. B’ ann an seo a chuala e a chiad fhacal Gàidhlig riamh. Thàinig Ceit, piuthar a sheanar, a-mach às an taigh le bonnach a bha i air a dhèanamh, is dh’fhaighnich i do Sheumas Teàrlach, anns a’ Ghàidhlig:
An gabh thu bonnach, a luaidh?
B’ e seo a’ chiad rud a chuala e sa Ghàidhlig, is e na leanabh òg, ach mar a tha e fhèin ag ràdh:
Bha mise deich bliadhna a dh’aois mun do bhruidhinn mi aon fhacal Gàidhlig... ach, a’ Ghàidhlig a bh’ agam, ’s e bh’ ann ach seòrsa de… de ghibberish mar a chanas iad. Cha robh ann ach leth Gàidhlig is leth Beurla.
Bhiodh e a’ toirt spèis mhòr fad an t-siubhail don Urramach Dòmhnall MacEadhmuinn (neo 'MacÀdhaimh' thall an seo), a chìthear san dealbh seo, air sgàth ’s gun do dh’ionnsaich esan a’ Ghàidhlig ‘cheart’ dha:
Bha mi còmhla ris, faodaidh mi cantail a h-uile latha, tacan beag air choreigin mura robh mi ann san latha bha mi san oidhch’ agus bha e ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig dhomh ’s nuair a chanainnsa facal ann am Beurla a bu chòir a chantail ann an Gàidhlig dh’ionnsaicheadh esan dhomh dè bu chòir dhomh a chantail.
Bha an t-Urramach MacEadhmuinn gu mòr an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh Comunn Gàidhealach Caitligeach Chanada, ann an Sanndraigh (Iona, NS) ann an 1919. Agus, b’ esan sagart spioradail meur Naoimh Ceann Tighearna a’ Chomuinn nuair a chaidh Seumas Teàrlach a Shidni, gu paraiste a’ Chridhe Naoimh. Thàinig Seumas Teàrlach gu bhith na cheann-feadhna air a’ Chomunn, agus b’ esan a rinn a’ chiad eadar-theangachadh air geàrr-chunntasan coinneamhan a’ Chomuinn, le taic bhon Urramach MacEadhmuinn, nuair a chuir buill a’ Chomuinn gluasad air adhart airson ’s gun rachadh coinneamh a chumail gu tur anns a’ Ghàidhlig aon oidhche. Thuirt an t-Urramach MacEadhmuinn gum biodh a’ chiad choinneamh gach mìos sa Ghàidhlig, agus an dàrna tè sa Bheurla, bho sin a-mach. Agus, b’ ann mar seo a bha cùisean co-dhiù gus an do chaochail e ann an 1924. Leth-cheud bliadhna às dèidh làimh, bha Seumas Teàrlach fhathast a’ bruidhinn air mar fhear a thug spionnadh dha agus mar dheagh charaid.
Rinn Seumas Teàrlach mòran don Ghàidhlig ann an Albainn Nuadh, agus e an sàs ann an iomadh comunn a bha taiceil don chànan agus don chultar. Bha e air bòrd-stiùiridh Cholaisde na Gàidhlig, a chaidh a chur air bhonn ann an 1938, fad trì bliadhna deug. Bha e tric na fhear an taighe aig cèilidhean (neo aig ‘fearas-chuideachd’ mar a bh’ aige fhèin orra) san sgìre aige fhèin. Mar a thuirt e fhèin, cha robh e a’ sireadh càil air a shon:
Cha do ghabh mise sgillinn riamh airson nì sam bith a bha mi a’ dèanamh airson Gàidhealtachd neo Gàidhlig.
Tha iomadh sgeulachd is òran aig Seumas Teàrlach, agus tha e gu math inntinneach a bhith ag èisteachd ris ag innse sgeulachd a bheatha agus mu a shlighe don Ghàidhlig. Faodaidh sibh a chluinntinn an seo an-dràsta fhèin, agus bidh clàradh eile dheth a’ nochdadh a dh’aithghearr.
Ma bha sibh eòlach air Seumas Teàrlach, neo ma tha barrachd fiosrachaidh agaibh mu dheidhinn, nach cuir sibh fios thugainn aig mail@dasg.ac.uk, air Facebook neo air Twitter?
Dealbh: ‘Jim Charlie MacNeil and Joe Gillis’, 1971. 80-106-4386. Beaton Institute, Cape Breton University.
Clì gu deas: Eòs Mac Gill’ Iosa, Aonghas Mac a’ Ghobhainn, Seumas Teàrlach MacNèill agus an t-Urramach C. W. Dòmhnallach.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo