- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Tog t’ inntinn ’s gabh òran – Cheer up and sing a song
Chaidh Cluas ri Claisneachd beò air-lòidhne anns an Lùnastal 2018 agus chòrd e rium gu mòr a bhith an sàs anns a’ phròiseact. ’S ann bhon obair cruinneachaidh airson Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig a thàinig a’ mhòr-chuid de na clàraidhean, is chaidh clàraidhean eile a thoirt do Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean. Anns a’ Mhàrt 2018, thòisich mi a’ conaltradh ri Tracy Chipman mu bhith a’ foillseachadh nan clàraidhean-fuaim a rinn ise. Tha Tracy a’ fuireach anns na Stàitean ach b’ ann tric a bha i anns na h-eileanan anns a 1990an a’ clàradh dhaoine. Tha na clàraidhean aice a-nis rim faotainn ann an Cluas ri Claisneachd.
Tha na clàraidhean againn làn fhaclan ionadail, sgeulachdan beatha agus sgeulachdan ficseanail — ach uaireannan chan eil mi cinnteach gur e ficsean a th’ ann da-rìribh! ’S iad na h-òrain Ghàidhlig as fheàrr leamsa. Tha mi fhìn is Eilidh gu math toilichte làithean a chur seachad ag obair orra agus na tar-sgrìobhaidhean a dhèanamh.
Air an 27mh dhen Lùnastal bha tachartas againn aig Oilthigh Ghlaschu airson Cluas ri Claisneachd a chur air bhog agus sheinn Eilidh aon de na h-òrain a th’ againn anns an tasglann, A Chuthag nam Beann. Tha e doirbh a chreidsinn, ach an oidhche ron an sin fhuair sinn post-dealain bho Lisa MacDougall. ’S ise ban-ogha Ceiteag Ailein Bhragaidh a tha a’ seinn A Chuthag nam Beann anns a’ chlàradh againn a rinneadh anns a’ Bhaile Mhòr, Canada, ann an 1959.
Sgrìobh Lisa:
Tha sinn gu math taingeil gun do sgrìobh Lisa thugainn agus cuideachd gun do chuir i thugainn dealbh de Chatherine agus den duine aice cuideachd.“She was an amazing woman. She and her husband ran the mail, raised sheep, and farmed. The wool from her sheep, she wove into clothes for her family. And in the midst of that she sang. Her songs were some of the rarest, so she was favored by folklorists collecting traditional songs. She was such a unique, strong character, that in 2004 when I emailed Mrs John Lorne Campbell to inquire if any recordings still existed, she told her assistant that she remembered her well and sent me a copy of Mr. Campbell’s last book that included Katie’s songs.”
Anns an tasglann againn fhìn tha 80 òran, agus tha na clàraidhean aig Tracy làn òran cuideachd. Anns a’ chlàradh Songs from Angus MacIsaac and Mrs Catherine Patterson tha 18 deug òrain leithid Òran a’ Bhotail, Òran a’ Ghunna, A’ Choille Ghruamach, Òran a’ Bhear, Tha M’ Inntinn Trom, Òran an Teine, Òran a’ Chaimbeulaich, agus cuideachd A Chuachag nam Beann. Air sgàth ’s gu bheil tasglann DASG a-nis làn òran Gàidhlig bha mi airson sùil a thoirt air a’ bhriathrachas a th’ againn ann am Faclan bhon t-Sluagh, cruinneachadh de dh’fhiosrachadh a chaidh fhaighinn bhon t-sluagh bho air feadh sgìrean Gàidhealach na h-Alba agus Alba Nuadh eadar na 1960an agus na 1980an.
Dhomhsa, tha e inntinneach faicinn gun tàinig cuid dhe na faclan a th’ againn ann am Faclan bhon t-Sluagh bho òrain. ’S tric gu bheil ‘from a song’, ‘word from an old song’ fiù ’s ‘A song my mother used to sing’ ann, ach gu mì-fhortanach chan ann tric gu bheil am fiosraiche ag ainmeachadh an òrain fhèin!
Chaidh am facal amhran a chleachdadh airson òran anns an Àird agus Cataibh. Chaidh dramalich a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas airson ‘a badly made song’. Chaidh iorman a chleachdadh airson òran ann an Srath Teimheil is Raineach, agus fhuaireadh iorram anns na Hearadh. Tha oran-molaidh againn às na Hearadh cuideachd airson òran a tha moladh cuideigin ’s dòcha an dèidh dhaibh bàs fhaighinn, agus cuideachd chaidh rannair a chleachdadh airson:
An d’ fhuair sibh lorg air deagh òran no dhà agus sibh ag èisteachd ri Cluas ri Claisneachd? Fhuair sinn 1,500 ‘hit’ sa chiad sheachdain agus mar sin tha mi cinnteach gun d’ fhuair! Bhiodh e sgoinneil cluinntinn bhuaibh mu dheidhinn dè an t-òran as fheàrr leibh san tasglann. Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook no Twitter?songster, a person applicable to verses, singing verses, verse or two of different song not having the complete song. Rannaire uamhasach h-ann. Something like duanaire, perhaps similar but not quite. Duanaire is a most adjustable and a more stationary in this musical category.
(Thàinig ‘Tog t’inntinn ’s gabh òran’ bho Loch Abar ann an 1977)
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo