Gàidhlig / English
Laoighcionn

Laoighcionn

Air a sgrìobhadh le Calum air 11 an Dàmhair, 2018
O chionn ghoirid leugh mi mu chleachdadh a bha aig cuid de chroitearan aig àm breith nan laogh far am biodhte a’ cur craicinn rùsgte laogh marbh air laogh aig nach robh màthair gus màthair an laoigh mhairbh fhuiteachadh bainne a dhèanamh. ’S e “laoighcionn”, no “laoichgeann” ann an Uibhist a Tuath, agus tha sinn an dùil gur h-ann às an dà fhacal “laoigh” agus “craicinn” a thàinig am facal bho thùs. Chaidh laoighcionn a sgrìobhadh ann an Iris Chomunn Ghàidhlig Inbhir Nis, earr. XX, leis a’ mhìneachadh: “calf skin, a tulchan.” Tha “tulchan” a’ tighinn bho “tulachan”. Tha i a’ ciallachadh craicinn laoigh air a lìonadh le connlach agus feur air a thoirt do màthair laogh marbh gus bainne fhaotainn bhuaipe.
 
Tha naidheachd eile mun fhacal “tulchan.” Tha e air a ràdh gu bheil ceangal ann ri eachdraidh eaglais na h-Alba a thaobh easbaigeach san eaglais. Nuair a bha easbaigeachan ann an Eagalas na h-Alba bha e sgrìobhte gun robh an t-àrd-Easbaig “ga èideadh” ann craiceann bheathach gus cleachdadh aon-dèonach a dhèanamh far nach robh feum air a shon mòran dheasbaid air strùctar na h-eaglaise aig an àm àraid a bha siud. Faodar a ràdh leis na daoine clèirich, bun-chùiseach gun robh ceangal ris na h-Easgabaigean agus am madadh ann craiceann caoraich am measg treudan na h-eaglaise ach chan eil sin builleach soilleir agus caran connspaideach. Tha e nas coltaiche gun robh na Easbaigean a’ lìonadh dreuchd agus dleastanasan.
 
Anns a’ cho-dhùnadh, tha am facal a’ ciallchadh san fharsaingeachd neach a tha a’ cosnadh duais no airgid nuair a tha iad a’ leagail air gu bheil iad nan neach eile gus a bhith soirbheachail cho fad ’s a bhiodh an cothrom ann gus brath a ghabhail air t-suidheachadh sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann.
 
Facebook:https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter:https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo