Gàidhlig / English
Am Beurla Reagaird

Am Beurla Reagaird

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 20mh den t-Sultain
Bhon a chaidh an tasglann-fuaim againn a chur air bhog, tha tuilleadh ghoireasan ri làimh agaibh a nì an gnothach air beartas dualchas nan Gàidheal a chur an cèill. ’S e farsaingeachd nan dualchainntean a bhios mi fhìn a’ mealltainn air Cluas ri Claisneachd gu h-àraidh. Cuiridh e ris an stòras a tha ri fhaotainn ann am Faclan bhon t-Sluagh.

’S i a’Bheurla Reagaird a thog m’ùidh o chionn ghoirid. Seo cànan a bh’aig luchd-siubhail na Gàidhealtachd o thùs. Seo comharra eile gu bheil beartas nach gann de ghnàthasan-cainnt is dualchainntean na Gàidhlig.

San leabhar aig Timothy Neat, The Summer Walkers, ’s ann eadar cainntean a tha iad le bhith a’ bruidhinn na Beurla Reagaird, agus dh’ùisnichidh iad Gàidhlig le measgachadh de dh’fhaclan a chruthaich iad, airson an gnothach aca a chleith bho dhaoine eile. Tha buintealas aig a’ Bheurla Reagaird ri sean chànain nam bàrd, ge-tà, agus luchd-siubhail nam measg aig an robh an dà-shealladh. Rinn Neat coimeas eadar a’ Bheurla Reagaird agus Shelta ann an Èirinn, agus mar sin, ’s e cànan eadar luchd-siubhail na Gaidhlig a th’ann. Tha briathrachas agus gràmar fa leth bhon Ghàidhlig ann.

Airson siud a shealtainn dhuibh, tha mi air eisimpleir neo dhà a chur an cois a’ bhrath-bhloga seo, bho Ailig MacUilleam: neach-siubhail o Chataibh. Nì sibh coimeas eadar a’Ghàidhlig chumanta agus a’ Bheurla Reagaird:

Tha am ministear a’ tighinn
Hars an gasgarn bagail
 
Thig far an rathaid, tha daoine a’ dol don eaglais
Bag an eanach. Noideachan bagail na chraban
 
Mar a chì sibh, tha a’ Bheurla Reagaird gu math eadar-dhealaichte. Bha mi ag iarraidh fuasgladh air a’chànain, agus chuir mi ceist: am biodh faclan anns a’ chumantas idir ri gin de na faclan ann am Faclan bhon t-Sluagh?
 
Air an liosta de bhriathrachas a chruthaich Ailig MacUilleam don Doctair MacAonghais, ’s e caoraich as ciall don fhacal lìobhag, ach ’s e mùran as ciall don fhacal ann am Faclan bhon t-Sluagh. ’S e facal à Port Sgioba a th’ ann.
 
’S e grad-ionnsaigh  a th’ ann teall an ann an Srath Ghlas, agus tha am Faclair Dwelly a’ cur ris an iomradh seo. Ach sa Bheurla Reagaird, agus gun doigh mìneachaidh cho laghach sin air a thoirt seachad, ’s e cuideigin le duilgheadasan ionnsachaidh a bhiodh ann.
 
’S e caileag bhrèagha a th’ ann an lurach a rèir Faclan bhon t-Sluagh, ach ’s e nighean mhì-sgiobalta a th’ innte sa Bheurla Reagaird!
 
Anns an tasglann againn, ’s e blos a th’ ann an tè spaideil, sgiobalta, ach ’s e tè ladarna as ciall don fhacal eile.’S e briogan as ciall dhan bhalach ladarna, ach ’s e briogais a theirte ann an Gleann Leamhainn.’S e eanach taur a theirte ri briogais sa chainnt inntinnich seo, bhon fhacal eanach, airson rathad. Dè th’ ann an taur, ach tòn!
 
Sguiridh sinn dhe bhith a’ cur sìos air càch a chèile ge-tà! ’S e deircean a theirte ri sùil, a tha follaiseach ann an Gàidhlig an là an-diugh mar dhearc airson sùil.’S e deirceanan a theireadh luchd na Beurla Reagaird ri sùilean. Tuigidh sinn sin air Faclan bhon t-Sluagh:
 
“Cha tearc iad nach dearc,”
 
Agus gu dearbh, ma bhios sibh a’ gabhail ùidh no a’ sealltainn air rudeigin, bidh sibh a’ dearcadh air.
 
’S e eanach a th’ann an rathad, ’s e sgaoi a th’ann am fras, agus tom a theirte ri mòr, agus tha ciall ann ma bhios tom no poidhle de rudeigin agaibh. Thig na faclan seo ri chèile gus am facal airson neamhnaid sa Bheurla Reagaird: Eanach Tom Sgaoi!
 
Corra fhacal eile nach eil idir coltach ris a’Ghàidhlig chumanta: luis – ag ithe, agus geug - a’faighneachd.
 
Faicibh na th’ ann an luis air an tasglann, ge-tà. ’S e dust na mòna a th’ ann an guilm. Ach seo a theireadh luchd-siubhail na Beurla Reagaird airson suirighe.
 
Èistibh ris, air a sheinn, agus gheibh sibh blasad dhen chainnt an seo cho math ri sin.
 
Bu chòir tuilleadh ghoireasan a bhith air an cruthachadh air-loidhne, airson cainnt an luchd-siuabhail a chur fa chomhair an t-sluaigh. Ma bhios ùidh agaibh ann an tuilleadh a leughadh mun chànain an luchd-siubhail ann an Èirinn, gheibh sibh lorg air deagh artaigil ann an Cruinneachadh a’ Chomuinn Ghàidhlig Inbhir Nis, Vol XXIV, duilleag 429, ‘Shelta: the Cairds’ Language.’
 
Ma tha fiosrachadh a bharrachd agaibhse mun chuspair, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook, no air Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo