Gàidhlig / English
Am Màidsear Calum Iain MacNeacail MacLeòid (Calum Iain Smiggan)

Am Màidsear Calum Iain MacNeacail MacLeòid (Calum Iain Smiggan)

Air a sgrìobhadh le Eilidh air 13mh An t-Sultain 2018
Ann a bhith ag obair air ar tasglann fuaim, Cluas ri Claisneachd, tha mi air mòran ionnsachadh mu iomadh duine a tha ri chluinntinn ann. Ach, bha mi airson innse mu fhear dhiubh a bha na fhìor ghaisgeach don Ghàidhlig agus, gu dearbh, do na cànanan Ceilteach eile, ach nach eil dha-rìribh ri chluinntinn annta. ’S e sin Am Màidsear Calum Iain N. MacLeòid, neo Calum Iain Smiggan mar a bh’ aig a luchd-eòlais air. Tha sinn gu mòr an comain Mairead NicÌomhair, nighean co-ogha Chaluim Iain, airson an fhiosrachaidh agus airson na dealbhan àlainn a thabhainn dhuinn.
 
Rugadh Calum Iain anns an Dòrnaidh ann an Ceann an t-Sàil air an 12mh den Mhàrt 1913. B’ e athair Iain N. MacLeòid a chruinnich na dàin airson an leabhair Bàrdachd Leòdhais (1916), agus a sgrìobh ‘Litrichean Alasdair Mhòir’ do Chuairtear Steòrnabhàigh. Chleachd e am far-ainm ‘Alasdair Mòr’ gus taing a thoirt do a bhràthair-cèile, seanair nach maireann Mairead, a bhiodh ga chuideachadh leis na litrichean. B’ ann à Cille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach a bha muinntir Iain bho thùs, ach ghluais e a Bheàrnaraigh Leòdhais, far an do thogadh a bhean, Anna. Bha Iain na cheannard air an sgoil an sin, dreuchd a ghabh e os làimh ann an 1902. Ghluais iad dhan Dòrnaidh leis gun d’ fhuair Iain N. obair mar mhaighstir-sgoile ann, agus b’ ann an sin a rugadh Calum Iain.
 
Bha sàr-eòlas aig Calum Iain air na cànanan Ceilteach is thug e a-mach ceumannan bho Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e coltach gun do choisinn e a’ phrìomh dhuais ann an Ceiltis dà thuras agus gun do choisinn e cuideachd Duais Cheiltis MhicGilleDhuibh airson Gàidhlig na h-Alba agus Meadhan-Ghàidhlig, a bha fosgailte do dh’oileanaich na Ceiltis air feadh na h-Alba. Phòs Calum Iain tè, Iona Norma A. NicDhòmhnaill (1917-1998), a rugadh ann an Dùn Èideann. Cha robh clann aca riamh.
 
Chaidh ainmeachadh mar Bhàrd a’ Mhòid ann an 1937, an Dùn Dè, airson dàn a rinn e air an robh ‘An Cuan Siar’ – cha robh e ach ceithir bliadhna fichead a dh’aois aig an àm. Bhiodh e an sàs ann an iomadh rud co-cheangailte ri brosnachadh na Gàidhlig: mar eisimpleir a’ breithneachadh air a’ Ghàidhlig aig Mòd an Òbain ann an 1953 agus air seinn Ghàidhlig, dannsa Gàidhealach agus pìobaireachd ann an Albainn Nuaidh.
 
Bha Calum Iain na neach-brathaidh anns an Dàrna Cogadh, ag obair do dh’Fheachd na Faisneise (an Intelligence Corps), math dh’fhaoidte air sgàth ’s gun robh e comasach air iomadh cànan a thuigsinn agus a bhruidhinn. Bha e stèidhte air feadh an t-saoghail: An Eadaillt, Sisilidh, An Fhraing, An Ostair, A’ Ghearmailt agus taobh a tuath Afraga.
 
Ann an 1949, dh’imrich Calum Iain a-null a dh’Albainn Nuaidh. Bha e na Eòlaiche Gàidhlig do Roinn an Fhoghlaim, ann am Foghlam nan Inbheach eadar 1950 agus 1958. Fhuair e an uair sin obair mar Ollamh agus Ceannard air Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Naomh Fransaidh Xavier ann an Antigonish, a tha ainmeil an-diugh fhathast mar oilthigh a tha taiceil don Ghàidhlig. Thuirt e fhèin ann an alt inntinneach a sgrìobh e mu shuidheachadh na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh gun robh aige ri èileadh a chosg fad na bliadhna na dhreuchd – smaoinich! Rinn e iomadh mathas don Ghàidhlig thall an sin, agus tha cuimhn’ aig mòran air mar sàr-thidsear, sàr-dhuine agus sàr-Ghàidheal.
 
Chaochail Calum Iain ann an 1977 an Albainn Nuaidh. Tha sinn gu math fortanach gun tug Calum Iain an obair mhòr a rinn e seachad do dh’Oilthigh Ghlaschu, far an robh e fhèin uair na oileanach, agus gu bheil a chruinneachadh againn fhathast san latha an-diugh. Às aonais, cha bhiodh an uidhir de dh’òrain bhrèagha agus de sgeulachdan inntinneach rin cluinntinn againn air Cluas ri Claisneachd, agus tha fada a bharrachd ri thighinn bhuaithe cuideachd san àm ri teachd.
 
Èistibh ri clàradh a rinn Calum Iain ann am Baile Shidni, Alba Nuadh ann an 1953 an-seo.
 
Ma tha fios sam bith a bharrachd agaibh air Calum Iain Smiggan, neo cuimhne agaibh air, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook, Twitter, neo ann am post-d?
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo