- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
“Brèagha” gu “Braw”: Coimeasan eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallda
Air a sgrìobhadh le Calum air 27 an t-Sultain 2018
Bu chaomh leam am blog a sgrìobhadh air na coimeasan agus roghainn fhaclan ainmeachadh a tha co-roinnte leis a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallda. Bhiodh e furasda smuaineachadh gun robh an dà chuid chànan aig gach ceann de mhìon-chànain na h-Alba ach tha mòran fhaclan co-roinnte eatarra. Ann an leabhar a sgrìobh R. L. Cassie tha e ag aithneachadh freumhan agus bunan fhaclan Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallda. Chaidh an leabhar a chlàradh iomadh cànan Anglo-Saxon/Seann Bheurla; Gàidhlig; Gearmailtis; Gàidhlig na h-Èirinn; Seann Lochlanais/Seann Nirribhis/Seann Danmhairgis agus Seann Suainis, agus ’s iad an fheadhainn as cudromaiche gus coimeasan a dhèanamh ann am freumhan agus bunan fhaclan a th’ againn sa Ghàidhlig agus sa Bheurla-Ghallda an-diugh.Mar eisimpleir, tha am facail “abharr” sa Ghàidhlig a’ ciallachadh, a rèir Dwelly, “silly jest or joke”, agus tha sin gu bhith coltach ris an fhacail “haver” agus “haivering” a’ ciallachadh “a silly jest” agus “to speak nonsense or drivel.” Tha am facal “abharrach” air a mhìneachadh mar “given to silly jesting” a rèir Cassie.
’S e am facal “hafa” na fhìor eisimpleir den t-Seann Lochlanais a’ toirt buaidh air an dà chànan: Tha na faclan “àbhaist” (a’ Ghàidhlig a th’ air “custom, habit, norm”) agus “havens/haivins” (a’ Bheurl-Ghallda a th’ air “manners, behaviour” a rèir Cassie). Tha “hafa” fhéin a’ciallachadh “to behave.”
Tha an t-ainm “Baxter”, a’ ciallachadh “baker” sa Bheurla air a sgrìobhadh gu “Bacastair” sa Ghàidhlig, a’ tighinn às an fhacal “Bakstr” a’ ciallachadh “a’ fuineadh” no “a’ dèanamh arain.” Cha mhòr nach eil sinn uile eòlach air an fhacal “braw” sa Bheurla-Ghalla ach cha bhithear ga chur ri “brèagh” (àlainn no bòidheach), far an do thàinig an dà chuid às na faclan “bra” no “brav” anns an t-Seann Lochlanais.
Tha am facal sa Bheurla-Ghallda “shilpit” (a’ ciallachadh “lag” no “fann”) a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig le faclan mar “siolpach” anns an rannsachadh a rinn Ùisdean Barron ann an Àird, Siorrachd Inbhir Nis. Tha sin fìor le faclan eile ann an Siorrachd Pheairt mar “breas, cuife, stramb” agus na leithidean.
Ach bha Gàidhlig a’ toirt buaidh air a’ Bheurla-Ghallda gu mòr le faclan mar bannock, ben, bog, bothy, caber, cairn, caman, capercaillie, ceilidh, clan, claymore, corrie, crag, gillie, glen, gob, kyle/kyles, laroch, quaich agus na leithidean.
Mar sin, tha ceangal làidir eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallda le freumhan às an t-Seann Lochlanais agus às an t-Seann Bheurla cuideachd. Mar sin, nam bruidhinn mar Obar Dheathainnear, no “Aiberdonian/Don”, tha an dà chànan nan cànan cudromach ann an eachdraidh agus cùltar na h-Alba.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo