Gàidhlig / English
Uilebheistean

Uilebheistean

Air a sgrìobhadh le Eleanor air 30mh an Lùnastal 2018
O chionn ghoirid, nuair a bha mi air làithean-saora anns a’ Chuimris, mhothaich mi dìreach cho measail sa tha na Cuimrich air dràgonan. A bharrachd air an dràgon air a’ bhratach aca, chunnt mi cha mhòr aon dràgon deug air feadh an àite tron dheireadh-seachdain a bha mi ann. Abair spòrs a bh’ ann cuideachd – co-fharpais bheag fhad ’s a bha mi a’ coiseachd mun bhaile còmhla ri caraidean.
 
Nuair a thill mi a dh’Alba is mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn a’ bhlog seo, bheachdaich mi mu dheidhinn nan rudan a th’ againn sa chumantas leis na Cuimrich. Ged nach eile dràgon againn air a’ bhratach, tha iomadh sgeulachd ann mu dheidhinn uilebheistean bho gach ceàrnaidh de dh’Alba. Seo pìos de na lorg mi anns a’ Ghàidhlig bho Fhaclan bhon t-Sluagh:
 
Bhon Eilean Sgitheanach tha ciuthach againn – uilebheist a bhios a’ nochdadh ann an cruth dhuine. Tha an creutair seo a’ nochdadh ann an sgeulachd ann an Guth na Bliadhna, (td. 392–393) far a bheil ùraisge leis an ainm “Ciuthach Caogach” air a mhealladh le bean-tuathanais glic.
 
‘S ann bhon Eilean Leòdhais a tha am facal seilch a’ tighinn. A rèir a’ chlàir againn, bidh an t-uilebheist seo a’ fuireach ann an lochan far a bheil bioras a’ fàs. Bidh e a’ gabhail greim air duine a tha ro fhaisg air an uisge agus gan tarraing sìos anns an loch, car coltach ris na h-Eich-Uisge a tha a’ nochdadh air feadh na h-Alba.
 
Uaireannan, tha faclan a’ nochdadh ann am Faclan bhon t-Sluagh far nach eil sgeulachd againn, ach tha dìreach fiosrachadh gu leòr airson ùidh a thogail. Tha am facal cianaran cro mar seo. Chaidh am facal seo a chruinneachadh san Eilean Sgitheanach, agus tha beagan fiosrachaidh againn còmhla ris – gur e uilebheist a bh’ ann an seo a sgèith leis an Naomh Rònan bho “Eurobay” gu Rònaigh…ach dè seòrsa uilebheist a bh’ ann? Cò aig a tha fios? ‘S dòcha gu bheil dràgonan ann an Alba às dèidh a h-uile càil!
 
Ma tha sibh eòlach air an sgeulachd seo, no ma faclan airson uilebheistean eile agaibh, nach sgrìobh sibh thugainn air Facebook no Twitter. Agus ma tha sibh a’ dol faisg air loch sam bith, cumaibh sùil a-mach airson na seilch!
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo