- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An Droigheann agus an Sgitheach
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 3mh den Cheitein
Ciamar a thàinig e gu bith, gu robh na seana-Ghàidheil a’ dealbhachadh nàdar dhaoine a rèir nan craobh?Tha cuid dhiubh tlachdmhor is blàthmhor dhà-rìribh, le dìthean bòidheach a’ fàs orra as t-earrach agus as t-samhradh. Tha cuid aca aig an robh dàimh ris na sìtheachan ann an dòigh a bha rathadach: an caorann, mar eisimpleir.
Bha cuid aca air an ùisneachadh airson a bhith a’ mollachd daoine, agus bhiodh rabhadh ann an aghaidh a bhith gan ùisneachadh airson diofar rudan; bataichean-buachailleachd nam measg. Dh’ionnsaich mi an rann seo air a’chùrsa Arainneachd, Cànain is Dualchais:
Bata daraich, dàir air crodh,
Bata beithe, beiridh crodh,
Bata calltainn, call air crodh,
Bata caorainn, caoil’ air crodh
Nì mi iomradh air a dhà pìos bàrdachd bho bhrath-bhloga mun fhèarna, anns an deach an droigheann a dhealbhachadh mar chraoibh urramaich. Bha Alasdair à Gleanna-Garadh fortanach, leis mar a bha e coltach ris an droigheann agus ris a’ chuileann. Ach rinn Seumas Mac an t-Saoir soilleir nach robh an t-Ollamh Mac Iain idir coltach ris an droigheann. Chùm Mac an t-Saoir air:
“... Ìnean sgithich is làmhan fèarna.”
Mar sin, a dh’aindeòin cho coltach ’s a tha an dà chraobh ri chèile, ’s e craobh rosadach a th’ anns an sgitheach, seach an droigheann san t-seagh seo.
Ann an Corpas na Gàidhlig, tha gu leòr ann mu chrùn droighinn a rinn iad do Chrìost air a’ chrann-cheusaidh, agus ’s ann air adhbharan creideamhach a bha cuid a’creidsinn gur e craobh rosadach a bh’ ann.
’S e àirne neo àirneag a th’ ann an smeur an droighinn. Tha na smeuran seo uamhraidh searbh, co-dhiù gus an tèid an tiormachadh, ’s an ath-fhliuchadh airson sineabhar a dhèanadh. Saoilidh mi gur e sin as adhbhar dhan t-seanfhacal a leanas:
Is fheàrr an dris na ’n droighinn; is fheàrr an droighinn na ’n Donas.
Tha an droigheann cho biorach. Tha an t-seanfhacal a leanas ann an Gaelic Proverbs:
Am fear a théid ’s an droigheann domh , théid mi ' s an dris da.
’S e an dreathan-dubh a theirte ris ann an Ros Mhuileach, agus dreathan airson an sgitheach, ach feuch nach tèid sibh far an rathad leis an eun bheag air a bheil ainm coltach ris: an dreathan-donn. Anns an fhaclair aig Eobhan MacEachainn, Faclair Gailig us Beurla; tha dreaghan a’ ciallachadh ‘bior.’ Shin agaibh na preasan biorach air a bheil sinn a-mach sa bhrath-bhloga seo.
Bhiodh an dreathan-donn a’ neadachadh ann am preasan biorach, mar sin, an e siud as coireach dhan t-ainm a th’air an eun? Bhon fhiosrachadh a fhuair mi air a’ chùrsa ACD, bhathar ag ìnnse dhomh gu robh ceangal ann leis na draoidhean le tùs an fhacail ‘drean’ air neo ‘draoi-eun.’ Cha b’ urrainnear ceangal cho direach a dhèanadh leis na draoidhean, cha chreid mi. Tha an leithid ‘drean’ ge-tà, ann an Gaeilge, airson an t-eun seo, agus ‘dreanacht’ air dualchas nan dreathan-duinn. Coimhdibh air EDIL: Faclair na Gaeilge air Loidhne.
Thathar ag ràdh craobh-sgiuchag ann am Breacais, an t-Eilean Sgitheanach, airson sgitheach. ’S e sgitheag a bha aig an neach-aithris ann an Cill Fhinn. Tha searmaiche ann an Uibhist a Tuath. ’S e sgeachagan a theirte ri mucagan, air neo measan sgithich.
Èistibh ris na rannan is seanfhaclan an seo.
Leughaidh sibh na tha aig an dreathan-donn ri ràdh gu h-ìseal:
Thig thig, thig a dhiol-dèirce,
Thig thig, thig a ghille-frìde;
Is gillean-frìde na h-eòin uile
Ach mise leam fhìn,
Ach mise leam fhìn,
Gillean-frìde, gillean-frìde.
Nì mi co-dhùnadh, ach chan eil co-dhùnadh agam air an droigheann agus air an sgitheach mar chraobhan gu sònraichte rathadach/ rosadach/ draoidheil neo rud sam bith eile. Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook agus Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo