- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Siubhal
Air a sgrìobhadh le Eleanor air 26mh An Giblean 2018
Tha blog na seachdaine seo a’ tighinn thugaibh bho bhruach grianach na Seine anns an 6mh “Arrondissement” de Paris, agus tha an cuspair a’ tighinn bhon gràdh a th’ air a bhith aig na Gàidheil air siubhal fad linntean. Bidh a’ mhòr-chuid eòlach air an fhacal “siubhal” mar ghnìomair a’ ciallachadh “a’ dol gu àite eile” no mar ainmear eile airson “turas”, ach tha iomadh cleachdadh gnàthasach eile airson an fhacail seo.Bho Bhreacais anns an Eilean Sgitheanach, tha “siubhal sìth” againn, a tha a’ ciallachadh, a rèir Faclan bhon t-Sluagh, comas sònraichte a bhios aig duine sam bith far am b’ urrainn dhaibh gluasad gu math luath thairis air astar mòr. Ann an Uibhist a Deas, bha an abairt “siubhal sìtheadh” air a chleachdadh ma bha aislig aig cuideigin de bhuidheann de dhaoine a bha a’ coiseachd san adhar.
Tha “siubhal oidhche” cuideachd ann am Faclan bhon t-Sluagh, a’ tighinn bho Scalpaigh na Hearradh. Tha “night marauding” ann mar chiall, abairt gu math dà-fhillteach agus le coltas gun tàinig e a-mach à leabhar Enid Blyton, ach ’s dòcha nach eil sin buileach ceart.
Tha “siubhal” a’ nochdadh ann an co-theacs a’ chiùil air feadh na Gàidhealtachd a’ ciallachadh “variation”, gu sònraichte a thaobh pìobaireachd. Tha “siubhail dublachd” agus “siubhal singilte” (an dà chuid bhon Ros Mhuileach) a’ ciallachadh “double variation” agus “single variation” ann an ceòl traidiseanta na pìoba.
Tha am facal siubhal air a chleachdadh cuideachd airson pàirt inneil a bhios a’ gluasad. Mar eisimpleir, bho Chanada tha “maide siubhal” againn. ‘S e pàirt chuibhle-shnìomha a tha seo, am bata a tha a’ dol suas bhon chasachan. Agus bho Uibhist a Tuath tha “an iarun siubhail” againn, pàirt eile chuibhle-shnìomha a bhios a’ gluasad nuair a tha an t-inneal air a chleachdadh.
Taobh a-muigh Faclan bhon t-Sluagh, tha LearnGaelic cuideachd a’ toirt abairt duinn. Tha “siubhal gun siùcar” a’ ciallachadh an aon rud ‘s a tha “wild goose chase” sa Bheurla – oidhirp mhòr gun bhuanachd.
A bheil sibh eòlach air abairtean eile a’ cleachdadh “siubhal”? Carson nach sgrìobh sibh thugainn leotha air Facebook no Twitter. Sin e bhuamsa an t-seachdain seo. Mar a chanas iad an seo: à la prochaine!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo