- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
cairt a' chaineil
Air a sgrìobhadh le Alasdair air 10 Cèitean 2018
Tha corra abairt clàraichte ann am Faclan bhon t-Sluagh air lusan den ghnè air a bheil ‘mint’ sa Bheurla. Gheibhear lorg air dòrlach dhiubh le bhith a’ lorg an fhacail 'mint' fhèin san tasglann seo. Dh’fhaoidteadh gum biodh sibh an dùil ri facail den leithid miunnd, a chaidh a chlàradh ann an Uibhist a Deas air duilleig phurpaidh a chuirear ann an eanaraich. ’S e meanbhan on aon fhreumh, miundain, a chaidh a chlàradh ann an Tòrr Loisgte ann am Muile.Tha facail anns a bheil an litir ‘p’ na tùs-litir fada nas pailte ann am Faclan bhon t-Sluagh ge-tà: an dà chuid pinnt agus pionnt ann an Scalpaigh; piund ann an Cliuthar agus piunnt ann an Greòsabhagh sna Hearadh; pionnd ann am Brudharnais ann am Barraigh; piunnd ann an Gleann Dail; pionn ann an Caol Acain; agus an dà chuid piunnd agus miunnd ann am Baghasdail a Deas. Chaidh piùnnd (‘mint’) a chlàradh aig neach-bratha ann an Scalpaigh ann an 1975 ach thug an t-aon neach-bratha lus-na-Frainge seachad air “mint used to flavour tea” cuideachd.
Chaidh abairt gu tur eadar-dhealaichte a chlàradh aig Jeannie Gibson ann an Cnocan san Ros Mhuileach ge-tà agus tha mi airson beagan a sgrìobhadh air an abairt aicese sa chòrr den bhrath-bhloga seo. Bha Jeannie am measg an luchd-bratha a chaidh a chlàradh le SGDS ann am Muile. ’S e cairt a’ chaineil a bh’ aig Jeannie is an abairt seo clàraichte am measg nam blàthan-leighis air a’ chlàr Mhuileach seo. Bhiodh an lus ga bhruich is ga chur gu feum a dh’fhaothachadh ceann goirt agus tha “mint tea” ga chur air seo air a’ chlàr sa Bheurla.
Air a' chiad shealladh, chuireadh a' mhòrchuid 'cinnamon bark' air a seo, dh'fhaoidteadh. Ge-tà, 's e rùsg seach 'cairt' a chaidh a chlàradh air 'bark' san Ros Mhuileach ann an 1967-68, mar a chithear ann am Faclan bhon t-Sluagh, agus faodar mìneachadh eile a chur air aghaidh air cairt a' chaineil, theirinn. Dh'fhaoidteadh gur h-e lus sònraichte den ghnè mheanntaich a tha ga ainmeachadh an seo. Ged nach lorgar ‘cairt’ no facal coltach ris am measg nan toraidhean nuair a thathar a’ lorg ‘mint’ ann am Faclan bhon t-Sluagh, tha dlùth-choimeas ri dhèanadh eadar seo agus abairtean a chlàradh le Dwelly ann an eilean nach eil fada deas air an Ros Mhuileach. ’S ann aig muinntir Cholasa a chaidh ‘cartal’ (‘mint’) agus ‘cartal-uisge’ (‘water mint (mentha aquatica)’) a chlàradh le Dwelly. Tha an dà chuid "an Cartil" agus "mionnt" clàraichte aig mac Mhaighstir Alasdair ann an A Galick and English vocabulary (1741). ’S inntinneach mar sin gu bheil am facal ‘cartlann’ clàraichte san t-Seann Ghàidhlig agus, ged nach eilear cinnteach mu a sheagh, thathar a’ beachdachadh gur h-ann air ‘mentha aquatica’ a bha am facal seo ga chur (eDIL s.v. cartlann). Tha beagan aig John Cameron ann an Gaelic Names of Plants, a dh’fhoillsicheadh ann an 1883, air facail a dh’fhaodadh a bhith aig bun an fhacail 'cartlann' ach chan eil iomradh san earrainn aige air cairt a’ chaineil.
Uime sin, saoil an e iomradh air an àite anns am biodh an lus seo a’ fàs a tha an lùib an fhacail ‘caineal’ ann an abairt Jeannie? Saoil an e tionndadh Gàidhealach air an fhacal ghallda ‘channel’ a th’ againn san abairt is mar sin gun robh an abairt ga cur air lus no lusan a chinneas ann an sruthanan air neo co-dhiù ri taobh nan sruthan. Tha am facal 'cainneal' ('a channel, a canal') clàraichte aig Armstrong agus Dwelly. Tha cainéal aig na h-Èireannaich air ‘channel’.
Ma tha beachdan agaibh fhèin air an abairt seo no abairtean meanntach eile, cuiribh brath air an làraich-lìn, air Twitter no air Facebook.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo