- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Eaglais
Air a sgrìobhadh le Garry air 25 am Faoilleach, 2018
San latha an-diugh, ged as tric a thathar a’ cleachdadh sa Ghàidhlig tòrr fhaclan a thàinig a-steach dhan chànan bhon Laidinn no bhon Ghreugais, leithid poilitigs, deamocrasaidh is bhòt, ma dh’fhaodte gur ann san Eaglais Chrìostail fhathast a thathar a’ cleachdadh na codach as motha de na briathran a chaidh a thoirt dhan Ghàidhlig leis na cànanan clasaigeach. Gu dearbh, ach a-mhàin am facal Crìosda, a tha a’ tighinn bhon fhacal Ghreugach, Christos (“air ungadh”), is dòcha gur e an dearbh fhacal eaglais am facal clasaigeach as trice a bhithear a’ cleachdadh nuair a bhithear a’ bruidhinn air creideamhan nan daoine ann an earrainn mhòir den t-saoghal. Bhon fhacal Ghreugach, ekklesia, ’s e cruinneachadh de dhaoine a th’ ann an eaglais.
Mar a tha làn-fhios aig a h-uile mac màthar, b’ ann le Ìosa Crìosda a chaidh an Eaglais Chrìostail a stèidheachadh agus, às dèidh bas Ìosa, b’ ann leis na h-Abstoil a chaidh na ciad eaglaisean a stèidheachadh ann an caochladh de dh’àiteachan; agus, mar am facal eaglais, tha am facal abstol a’ tighinn bhon Ghreugais: ’s e duine “air a chur bho” dhuine eile a th’ ann an abstol.
B’ ann air crois (bhon fhacal Laideannach, crux) a chaidh Ìosa a cheusadh agus ’s ann air gach Didòmhnaich (bhon abairt Laideannaich, Dies dominica, “Latha an Tighearna”) a bhios Crìosdaidhean a’ cruinneachadh ann an eaglais gus adhradh a dhèanamh air Dia, air an Athair, air a’ Mhac is air an Spiorad Naomh. ’S e an Trianaid am facal a th’ aig Crìosdaidhean air an triùir phearsachan a th’ ann an Dia agus, a-rithist, ’s ann bho na cànanan clasaigeach a tha na faclan Trianaid (bhon Laidinn, Trinitas) agus Spiorad (bhon Laidinn, Spiritus) a’ tighinn. An ann bhon fhacal Laideannach, Deus, a tha am facal Gàidhealach, Dia, a’ tighinn? Air neo, an ann bho chànan eile a thàinig am facal seo bho thùs?
Anns an eaglais, bidh na Crìosdaidhean a’ leughadh nam faclan agus ag èisteachd ris na faclan a chaidh a sgrìobhadh anns an leabhar naomh acasan, am Bìoball. Turas eile, ’s ann bhon Ghreugais a tha am facal seo a’ tighinn, bhon fhacal biblios. Gach Latha na Sàbaide, air feadh an t-saoghail, ’s ann a bhios luchd-leantainn Chrìosda ag èisteachd ri co-dhiù aon salm air neo a’ seinn feadhainn de na sailm a tha rim faighinn am broinn a’ Bhìobaill. Is dòcha mar a bhiodh dùil agaibh a-nis, ’s ann bho fhacal Greugach eile, psalmos, a thàinig am facal salm a-steach dhan Ghàidhlig.
Mar as trice, ’s e ministear no sagart a bhios air ceann na seirbheise ann an eaglais Chrìostail. Ge-tà, uaireannan, ’s e easbaig a bhios air a ceann. Bho na faclan Laideannach minister, sacerdos is servitium agus bhon fhacal Ghreugach episkopos (“duine a bhios a’ coimhead air”), bidh na briathran Gàidhealach seo cuideachd a’ nochadh buaidh nan cànanan clasaigeach air briathrachas nan Gàidheal a thaobh chùisean creideimh. Agus, feumar a ràdh, tha tòrr fhaclan eile ann a bhios a’ daingneachadh na buaidhe seo, mar eisimpleir: aifreann (bhon Laidinn, offerendum); comanachadh (bhon Laidinn, communio); sàcramaid (bhon Laidinn, sacramentum); baisteadh (bhon Ghreugais, baptizein); agus mar sin air adhart. Leis an fhìrinn innse dhuibh, tha corpas mòr ann den leithid seo de dh’fhaclan. Saoil dè an cànan bhon tàinig am facal corpas bho thùs !
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo