Gàidhlig / English
Faclan Fèidh

Faclan Fèidh

Air a sgrìobhadh le Abi air 18 Am Faoilleach 2018

An t-seachdain seo ’s mi a’ cumail orm le faclan mu dheidhinn beathaichean agus a’ sgrìobhadh mu dheidhinn fèidh. A rèir Faclan bhon t-Sluagh tha e soilleir gu bheil diofar fhaclan ionadail air feadh na h-Alba ceangailte ri fèidh agus daimh.

Bha am facal greigh ga lorg san Alltan Dubh, Achd Ille Bhuidhe son prasgan fèidh agus chaidh am facal àbhaich a chlàradh ‘san Eilean Sgiathanach ged is e facal Catach a th’ ann. Sgrìobh neach à Srath Ghlais gun tàinig am facal fiadh bho fiadhmhíola; ‘wild animals (deer, etc.); hence fiadh – a deer’ agus cuideachd, gur e seann ainm Gàidhlig a th’ ann an os/ ois airson na fèidh agus nach eil fiadh a’ ciallachadh ach ‘wild’.

Bha procach aig neach eile à Srath Ghlais airson fiadh aon bhliadhna a dh’aois, air sgàth ’s gu bheil cabar coltach ri proca an dèidh aon bhliadhna. Chaidh am facal cabar-slait a chruinneachadh ann an Siorrachd Rois airson damh gun bhior air a chabar agus bha am facal slat-chabrach ga chleachdadh ann an Toirbheartan. Cuideachd tha e inntinneach gu bheil am facal leth-chabrach againn airson damh a tha air aon chabar a chall no gliomach le dìreach aon chròg.

Tha innteart inntinneach againn à Nis Leòdhais. Chaidh am facal Feugarsaich a chruinneachadh airson teaghlach ionadail aig an robh ceangal ri pòidsearachd ann an Cataibh;

“na Feugarsaich” applied to a certain family in Ness. A family name like, say “na Fìdhleirean”. Puilean told by a member of the family that the name applied to deer-poachers in Sutherland, where one of his ancestors had come from.

Bha am facal bùireadh air a chlàradh ann an Uibhist a Deas son dàireach agus tha am facal bùiraich againn cuideachd às na Hearadh. Bidh na fèidh a’ dèanamh bùrach nuair a tha iad a’ bùirich agus mar sin tha am facal poll-búirean againn; area of ground churned underfoot by deer in the rutting season. ’S e facal borb a th’ anns an fhacal mu dheireadh a th’ agam dhuibh gu mì-fhortanach; Cuilbhear; ‘used of a spurt of blood as knife is plunged into the belly of deer’.

Mar is àbhaist, ma tha sibh eòlach air faclan inntinneach no ionadail airson na fèidh, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no Twitter.

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo