| 1. Various denominations |
| Muinntir an Aonaidh | |
| Na h-Antis | |
| Na Secéders | |
| Na Pàpanaich | |
| Na Moderats | |
| An Eaglais Stéidhichte | B’e seo an Established Church. Agus mar a th’agam air an taobh eile, ’s ann riutha seo a chanadh sinn Na Moderats. Ach bho 1929 chan eil an t-ainm tric ’ga chleachdadh. Ach cho fad’s is aithne dhomh, tha e beò fhathast. |
| A Chealla | “An a sgaoil a’ Chealla?” A’ Chealla b’e seo againne eaglais Bhaile na Cille ann an Uig. Bha e aig na seann daoine mar a th’agam an seo shuas. “A’ Chealla” agus “An a sgaoil a’ Chealla”. Ach cha robh e againne ach mar ainm do’m biodh sinn a’ toirt an aire, chluinneadh sinn e an dràsda ’s a rithist. Nuair a bha Calum MacLeòid am ministeir (Calum MacLeòid a chaochail ann am Both-chuidir agus a bha ’na Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealach airson greis), nuair a bha e dol troimh an fhòghlum an Dunéideann, thuit a mach bhuaithe uaireigin “A Chealla” agus mar sin. Thug an t-Ollamh Mac Fhionghuin an aire do an seo anns an spot agus chòrd an rud a bh’ann ris anabarrach math. |
| Na h-eaglaisean againne ann an Uig: |
| An Eaglais Mhór | An Eaglais Stéidhichte, Eaglais Bhaile na Cille. |
| Eaglais Cheann Langabhat | An Eaglais Shaor Aonaichte, gu 1929. |
| Eaglais na Secéders | Tha i seo, cuideachd, an Ceann Langabhat. |
| [An Canastair] | Gu ma dhà-fhichead bliadhna air ais bha eaglais aig na h-Antis ann an Ceann Langabhat, eaglais bheag iaruinn (suinc) agus ’se An Canastair am far-ainm a bh’aig an fheadhainn eile oirre. |
| 2. Member of each of these denominations |
| Aonadair | |
| Anti | |
| Secéder | |
| Pàpanach | |
| 3. Different courts of the Presbyterian churches |
| cléir | A’ chléir – presbytery. |
| cùrt nan Deacon | Deacon’t court. |
| an Seisean | Kirk session. |
| deacon | Deucon a chanas sinn. Mar beuc (aithghearr) + on: beucon, deucon, deacon. |
| [note] | Cha b’ann tric a chuala mi càil ach cléir, a’ chléir, seisean, deacon, éildeir. |
| 4. Members of the clergy and office-bearers with the Presbyterian churches |
| ministeir | |
| misionaraidh | |
| eildeir | |
| deacon | |
| clàrc an t-Seisein | |
| luchd-dreuchd | |
| maor-eaglais | |
| [note] | Airson ‘lay preacher’ agus ‘treasurer’ chan eil ainm suidhichte sam bith againn a bharrachd air na h-ainmeannan cumanta. |
| soisdeir | Seo facal a bhiodh aig na bodaich thall againne mu dhuine a bhiodh an còmhnuidh aig gnothaichean soisgeil gu h-àraid a’ teagaisg. A’ teagaisg a h-uile cothrom a gheibheadh e. Soisdeir siod, ’s soisdeir seo, chanadh iad. Is ann aig na bodaich nach biodh cho cràbhach a bhiodh am facal ‘soisdeir’ ’ga chleachdadh. |
| 5. Members of the clergy and office-bearers in the Roman Catholic church |
| 6. Holy Orders within the Roman Catholic church |
| 7. Articles of dress or adornment |
| [an coileir cruinn] | Chan eil nì àraid sam bith againn air son seo [i.e. ‘articles of dress or adornment worn by priests, ministers, etc.’]. Mur a h-eil ‘an coileir cruinn’. “Tha an coileir cruinn air.” (Tha coileir ministeir air.) |
| 8. Church building and churchyard |
| Tigh Seisein | An Tigh Seisein – vestry. |
| [churchyard] | Chan eil churchyard againn. Na cladhan a th’againn ’se bha unnda [?] cladhan air an ceann fhéin. |
| 9. Church furniture and ornaments |
| an truinnsear | Collection plate. |
| cùbainn | Pulpit. |
| Different seats: |
| Suidheachan nan Eildeirean | |
| an Suidheachan Mór | |
| Suidheachan Bean a’ Mhinisteir | |
| 10. Different services during the week, feast days, sacraments, Sunday school etc. |
| Coinneamhan: |
| coinneamh-mhìos | |
| coinneamh-sheachduin | |
| coinneamh-urnuigh | |
| [coinneamh-cheist] | Còmhla ris an fheadhainn eile faodaidh sibh toirt an aire do ‘choinneamh-cheist’. Bhiodh seo ann uaireannan ged nach robh e suidhichte mar na coinneamhan eile. |
| Orduighean: |
| Orduighean an Earraich ’s an Fhoghair | Orduighean an Earraich ’s an Fhoghair is ann aig coimhthional na h-Eaglais Shaoir Aonaichte a chaidh do an Aonadh an 1929 a tha iad. |
| Orduighean an t-Samhraidh ’s a’ Gheamhraidh | Orduidhean an t-Samhraidh ’s a’ Gheamhraidh is ann aig na Moderats anns an Aonadh a tha iad. |
| Na h-Orduighean Beaga | Cho fada ’s is aithne dhomh ’s ann an Leòdhas a thòisich seo. Orduighean beaga aca eadar na h-òrduighean suidhichte, aon uair, no smaite barrachd air aon uair, anns a’ bhliadhna. Cha chreid mi gu bheil comanachadh aca aig na h-Orduighean Beaga idir. Chan eil mi cinnteach am bheil Là Ceist fhein aca. Cha chanainn gu bheil. |
| [note] | Aig na bodaich mu na h-orduighean suidhichte bha aca: Diar-daoin, Di h-aoine, Di-Sathuirn, Là na Sàbaid, agus Di-Luain. |
| Diar-daoin | Là an Trasgaidh. (‘Trosgadh’ a chanas sinne.) |
| Di-h-aoine | [sic] Là na Ceist. |
| Di-Sathuirn | Là ullachaidh chanadh iad. |
| Là na Sàbaid | Là comanachaidh. |
| Di-Luain | Là sgaoileadh nan orduighean. |
| [note] | Diar-daoin – latha trasgaidh. Di h-aoine – latha ceist. Di-Sathuirn – latha ullachaidh. Latha na Sabaid – latha comanachaidh. Di-Luain – latha dealachaidh. Sin mar a bha na bodaich a’ coimhead air. |
| [note] | Canaidh sinne mar seo: Là Trasgaidh nan Orduighean, Di h-aoine nan Orduighean, Di-Sathurn [sic] nan Orduighean. Là Sàbaid nan Orduighean. Di-Luain nan Orduighean. |
| [Là Taingealachd an Fhoghair] | La eile a bhiodh aca agus a bha iad a’ cumail glé mhath: Là Taingealachd an Fhoghair. Bha iad a’ cumail an fhir-sa cho cùramach ri Là na Sàbaid. |
| [An Ceasnachadh] | Ni eile a bhiodh aca (aig na Moderats), b’e sin An Ceasnachadh – ceasnachadh mu ghnothaichean a’ Bhìobuill ’s a’ chreideimh. Cho fad’s is aithne dhomh cha robh An Ceasnachadh aig an eaglais againne idir (An Eaglais Shaor Aonaichte). |
| an urnuigh | Prayers. |
| an t-seinn | Praise. |
| an t-searmon | Sermon. |
| collection | (An t-ainm Beurla.) |
| sgoil Shàbaid | Sunday school. (‘Sàboinn’ no ‘Sàboinnd’ a chanas sinn airson Sàbaid. ’Se ‘Sàbon’ a chanas an ceàrd.) |
| 11. God, the Lord, Jesus Christ, the Holy Ghost, the Blessed Virgin, the angels, the apostles, Heaven, the Gospel, prayers etc. |
| Dia | God. |
| An Uile Chumhachdach | God. |
| An Ti Tha Riaghladh | God. |
| An Tighearna | The Lord. |
| Criosda | Jesus Christ. |
| Criosd | Jesus Christ. |
| Iosa Criosd | Jesus Christ. |
| An Spiorad Naomh | The Holy Ghost. |
| An Oighe Muire | The Blessed Virgin. |
| Na h-Ainglean | The Angels. |
| Na h-Apostoil | The Apostles. |
| Nèamh | Heaven. |
| An Soisgeul | The Gospel. |
| Urnuigh an Tighearna | The Lord’s Prayer. |
| 12. Satan, Hell, Purgatory, Limbo, different kinds of sin etc. |
| An Sàtan | Satan. |
| An Diabhol | Satan. |
| An Droch Spiorad | Satan. |
| Am Fear Millidh | Satan. |
| An Nàmhaid | Satan. |
| [note] | (’Se iad seo an cumantas a bhios againn a thaobh eaglais is creideamh.) |
| Ifrinn | Hell. Chan eil ‘iutharn’ againn ach mar chainnt eagalach. No mar chainnt air leth làidir a thaobh eaglais is creideamh. |
| Purgadair | Purgatory. |
| peacadh-gine | Original sin. |
| peacadh-gnìomha | Actual sin. |
| [note] | A mach bho gnothaichean eaglais is creideamh, tha móran ainmeannan againne airson an t-Sàtain. Mar: |
| Dòmhnall Dubh | |
| Piullaidh | “Bha Piullaidh ’ga dhrilligeadh” |
| An Riabhach | “Mac an Riabhaich” |
| An Donas | “Bugair an Donais” |
| Am Mac-Mallachd | |
| An t-Abhaisteir | “Cho dubh ris an Abhaisteir” |
| [note] | ’S mar sin, ’s mar sin. Mar anns na h-àiteachan eile, móran ainmeannan mar a tha fios agaibh, airson an t-Sàtain. |
| [am fear mór] | “Am fear mór orm-sa mur a toir mise air” chanadh na bodaich. |