Gàidhlig / English
Ròic

Ròic

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 21 An Dùbhlachd 2017
Facal iomchaidh don àm-sa den bhliadhna. ’S e th’ ann an ròic tòrr mòr bìdh a bhios daoine a’ gabhail còmhla. Ann am Brìgh nam Facal, tha e air a mhìneachadh: ‘fèis; biadh mòr’.

Fhuaireadh lorg air an fhacal ann an Cille Mhoire is Breacais, san Eilean Sgitheanach, agus ann an Scalpaigh na Hearadh.

Ann an àitichean eile, bha ciall rud beag eadar-dhealaichte aig an fhacal. Chaidh a chlàradh bho chuideigin ann an Obar Neithich, faisg air an Aghaidh Mhòir, gur e bh’ ann an ròic ‘a great stir and excitement’. Agus cuideachd ann an Scalpaigh dh’fhaodadh e a bhith a’ ciallachadh muiltfheoil ròiste, no biadhadh sòghail (i. ‘luxuriously feeding).

A rèir faclair Colin Mark, bidh sinn a’ dèanamh ròic (‘revel’) agus a’ toirt ròic de rud do chuideigin (‘regale’). Tha eisimpleir aige bhon litreachas: ‘cha chanadh tu gur e ròic a bh’ann’, i. cha robh pailteas ann no fiù ’s gu leòr.

Dh’innis an neach à Breacais, ‘Bha ròic againn air buntàta is sgadan’, i. bha ar sàth no ar leòr dheth againn.

Agus tha an abairt ann ‘fios fithich gu ròic’. Tha seo a-mach air mar a tha fios mì-nàdarra aig fitheach gu bheil cothrom ithe gu bhith ann. Ach, mar a mhìnich Dwelly, rachadh a cleachadh mu dhuine sam bith ‘arriving accidentally and opportunely’.

Ann an ‘Soraidh leis an Nollaig Ùir’, tha Màiri Mhòr nan Òran a’ cuimhneachadh le cianalas air an dream agus na coimhearsnachdan a bha ann an ‘Eilean gaoil nan Sgiath’ agus a tha a-nis air falbh. Tha i a’ cur an cèill:

’N uair a chruinnicheadh gach òigh,
’S ann an sud a bhiodh an ròic,
Measair chàbhruich air a’ bhòrd,
’S na fleasgaich anns an t-seòmar shuas.

Dè th’ ann an ‘càbhraich’? Tha mi a’ dèanamh dheth gun e sùghan a th’ ann — ‘sowens (cracked oats eaten with jelly and milk)’.

Ag atharrachadh faclan Màiri Mhòr beagan, tha mi an dòchas gum bi Nollaig agaibh:

A thogas gean air comann ciùin,
’S air nach cuir reòtha giùig,
Ged a bhios an Dùbhlachd fuar.



Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo