- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Ceilidh
’S e facal na seachdainn’sa cèilidh - fear a tha gu sònraichte buntainneach agus sinn a-nis a’ teannadh ri àm na Nollaige is na Bliadhn’ Ùr.
Ged a bhios a’ chuid as motha de dhaoine ’s an làtha an-diugh – mi fhèin nam measg – a’ samhlachadh cèilidhean ri tachartasan anns a bheil gu leòr ceòl agus gu leòr neo glè bheag dannsa agus deoch,’s e facal a tha ann aig an robh roinn de bhrìghean eadar-dhealaichte eadar na linntean agus tarsainn nan sgìrean.
Tha eisimplir den seo ri fhaicinn ann am blog eile a chaidh fhoillseachadh le DASG o chionn bliadhna neo dhà. Ann a shin leughaidh sibh mu dheidhinn a’ chèilidh cheàrdaich: abairt a bha aca ann an Uibhist a Deas airson chruinneachaidh far an robh daoine glaiste a-staigh le cheile air laithichean fliuch.
Anns na 19mh agus 20mh linntean ’s e an taigh-cèilidh am prìomh àite anns an robh beul-aithris agus dualchas nan Gàidheal air an craoladh bho aon ghinealach gu ginealach eile. Tha sinn a’ faighinn cunntas math air an seo bhon òran ‘Taigh a’ Bhàird’ a-rinn am bàird Uibhisteach Dòmhnall Iain Dhonnchaidh mar chuimhneachan air bàird eile, Seonaidh Caimbeul à Loch Baghasdail. Leis an rann a leanas tha am bàird a’ togail dealbh làidir de taigh-cèilidh agus am feum a bh’ aige ann an còimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar aig tràth-meadhan na 20mh linne:
Nach iomadh seanchas is òran
A dh’èist an òige bhon aois
Taobh a’ ghealbhain ded chòmhlaidh
’S an teine mònadh na chraos’:
Gillean gasta nad chèilidh
A thataidh lèirsinn do ghaoil,
’S b’ e lasair theine ceann fhòidean
Bu tric a threòraich na laoich.
Ach ged a tha am bàrdachd seo a’ cruthachadh dealbh blàth agus aotrom den thaigh-cèilidh ann an Uibhist a Deas, bha gu leòr sgìrean eile ann far an robh càirdeas nas doirbh aig a’ chòimhearsnachd leis an taigh-cèilidh. Bha seo a-lasd a’ chòmhstrì a bha ann eadar an ionad saoghalach sin agus ionad diadhaidh nan eaglaisean. ’S e seo cùis a ghlac Ruairidh Mac Thòmais anns an dàn ‘Am Bodach Ròcais’, anns a bheil e a’ cleachdadh ìomhaigh de bhodach ròcais a’ dol am broinn taigh-cèilidh mar shamhla airson còmhstrì cultar saoghalach nan Gàidheal agus cultar diadhaidh nan eaglaisean:
An oidhch’ ud
Thàinig am bodach-ròcais dh’an taigh-chéilidh:
fear caol àrd dubh
is aodach dubh air.
Shuidh e air an t-séis
is thuit na cairtean ás ar làmhan.
Bha fear a sud ag innse sgeulachd air Conall Gulbhan
is reodh na faclan air a bhilean.
Bha boireannach ’na suidh’ air stòl
ag òran, ’s thug e ’n toradh ás a’ cheòl.
Ach ’s e an cleachdadh de chèilidh a thug spionnadh dhomh airson a’ bhlog seo a sgrìobhadh cleachdadh ris na thachair mi anns na seachdainnean a chaidh mar phàirt den obair a tha mi-fhèin agus cuid eile de sgioba DASG air a bhith a’ deanamh air cruinneachaidhean de na pàipearan aig Raghnall MacIlleDhubh. ’S e na pàipearan seo – na mìltean aca – dìleab na saothaire a chaith MacIlleDhubh anns na 70an a’ cruinneachadh briathrachais bho làimh-sgrìobhainnean Ghàidhlig airson Fhaclair Eachdraidheil na Gàidhlig. A-measg nan làimh-sgrìobhainnean seo bha Leabhar Beag Mhic ’ic Ailein neo The Little Book of Clanranald. Anns an làmh-sgrìobhainn seo tha òran le Niall MacMhuirich bho toiseach na h-18mh linn a tha a’ cuir cuimhne air Raghnall, ceann-cinnidh Mac ’ic Ailein. Sgrìobhte ann an Gàidhlig chlasaigeach, tha MacMhuirich a’ brosnachadh Raghnall a bhith a leantainn slighe Dhiadhaidh leis na loidhnichean: “Densa hairis ar lorg in leinib.../a gceilidh ri nime naoi”. Bhon seo thog Raghnall MacIlleDhubh a’ bhrìghe a leanas airson cèilidh: “‘sojourn’ – i.e. Christ’s on earth”. Chì sinn ann an seo ma tha brìgh spioraideach airson cèilidh a tha a’ dol an coimeas ris an tuigsinn nas saoghalta agus cuirmeach a tha againn den fhacal anns an latha an-diugh - brìghean a tha a’ glacadh an dà thaobh aig Nollaig: tachartas Diadhaidh air an aon laimh agus fèill saoghalta Gheamhraidh air an laimh eile.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo