Gàidhlig / English
Thalla ’s bheir fad Bharraigh ort!

Thalla ’s bheir fad Bharraigh ort!

Air a sgrìobhadh le Alana air 19mh dhen Ghearran 2015

A bheil duine sam bith mun cuairt ortsa a tha a’ cur a chaoich ort? No air nach eil thu cho measail? A bheil beagan sìth a dhìth ort? ’S e seo do sheachdain leis an abairt “Thalla ’s bheir fad Bharraigh ort!”. ’S e dòigh car modhail a tha seo air a ràdh ri duine faighinn a-mach às do rathad! Tha eilean Bharraigh air a cheann mu Dheas dhen na h-Eileanan an Iar agus mar sin chluinnear an abairt seo mar bu trice aig daoine eadar Leòdhas agus Èirisgeigh airson sealltainn gun robh iad ag iarraidh clìr à duine.

Tha dòighean eile ann cuideachd air an aon seorsa ìomhaigh a thoirt seachad. Mu bha thu a’ fàs sgith do dhuine, dh’fhaodadh tu “Thalla is tarraing!” no “Thoir an t-sitig ort!” a chantail riutha no cuideachd “Thalla ’s bheir ort!”

Tha sinn an dòchas nach can duine sam bith seo riutsa!

Nach innse sibh dhuinn air Facebook agus cuideachd air Twitter mun na faclan a th'agaibhse airson toirt air daoine clìreadh! 

 

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo