- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Bonnach Luirg
Is dòcha nach eil sinn a’ faireachdainn gu bheil an t-Earrach air fàire, ach is e Didòmhnaich sa tighinn a’ chiad latha den Mhàrt. Mar sin, an t-seachdain-sa, tha sinn a’ beachdachadh air mar a thig nitheannan beò às ùr a-rithist, agus is e am facal a tha sinn air thaghadh bonnach-luirg. Chaidh am facal seo a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas, is tha e a’ ciallachadh duais – bonnach no biadh air choireigin – a chaidh a thoirt do chuideigin a fhuaireadh beothach air ùr-bhreith, leithid uan no laogh. Tha bonnach-luirg a’ nochdadh ann am faclair Dwelly cuideachd far a bheil a bhrìgh air a mhìneachadh a leanas – “Bannock given as a reward to a boy who finds a new calf.”
Tha am facal a’ nochdadh ann an dàn le Màiri Nic a’ Phearsoin (Màiri Mhòr nan Òran), ‘Na Thriall Uainn’, sa chruinneachadh aice Dàin agus Òrain Ghàidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin, a chaidh fhoillseachadh ann an 1891:
“Mar is tric a rinn do sheanamhar,
’S gum b’ainmeil a dòigh,
Riarachadh nam bonnach-luirg,
’S cha b’e falbh a bhiodh oirnn.”
Chaidh an aon fhacal a chruinneachadh cuideachd ann an Uibhist a Tuath, ach, san àite sin, bhiodhte a’ faighneachd “An robh bonnach luirg aice fhathast?” m.e. an deach laogh a bhreith fhathast.
An d’fhuair no an d’rinn sibhse bonnach-luirg a-riamh? Leig fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo