- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gille Ceann Beinge
Tha Latha naomh Bhalentine gu bhith ann a dh’aithghearr, agus mar sin, an t-seachdain seo, tha sinn a’ coimhead air dà abairt aig a bheil ceangail ri gaol agus pòsadh.
Bha an abairt gille ceann beinge air a chleachdadh anns na Hearadh, is e a’ ciallachadh duine a bhiodh a’ fuireach ann an taigh a bhean an dèidh na bainnse. Leis gun robh e fhathast na ‘choigreach’, cha bhiodh e na shuidhe an tac an teine idir, ach fhathast air a’ bheingidh, far an robh e nuair a bha e na shuirgiche. Tha sinn an dòchas gun cuireadh fàilte na bu chridheile air fear-na-bainnse san latha an-diugh!
Chaidh an abairt eile a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas agus ann am Barraigh, is e Suirghe fad air falbh ’s pòsadh am bun na h-ursainn.
Tha an abairt seo cuideachd a’ nochdadh ann an Ugam agus Bhuam le Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh, Uibhist a Tuath, a chaidh fhoillseachadh ann an 1977:
“Agus tha iad a ’ràdha , seann daoine a ’ràdha: ‘Suiridhe fad o laimh is pòsadh am bun na h-ursainn.’”
Bhiodh ùidh mhòr againn a chluinntinn air Facebook no Twitter faclan no abairtean eile air a bheil sibhse eòlach, aig a bheil ceangail ri suirghe no pòsadh, is sibhse a’ dèanamh suirghe fad air falbh no nas fhaisge air an taigh!
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo