- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mios Crochadh nan Cliabh/ Mios Marbh
An t-seachdain-sa, tha sinn a’ coimhead air diofar ainmean airson a’ mhìos An Gearran: Mios Crochadh nan cliabh agus Mios Marbh.
A-rèir ‘Faclan Bhon t-Sluaigh’, bhathar a’ cleachdadh Mios Crochadh nan cliabh air sgàth ’s nach deach mòran obrach a dhèanamh idir sa Ghearran air sgàth ’s gum faodar an t-sìde a bhith cho fiadhaich.
Tha iomradh air an abairt Mios Marbh ann an Carmina Gadelica le Alasdair MacGilleMhìcheil (1900), agus tha luaidh air Naomh Brìghde cuideachd (’S e a’ chiad là sa Ghearran Là Fèill’ Brìghde):
“Bride is said to preside over the different seasons of the year and to bestow their functions upon them according to their respective needs. Some call January ‘am mios marbh,’ the dead month, some December, while some apply the terms, ‘na tri miosa marbh,’ the three dead months, ‘an raithe marbh,’ the dead quarter, and ‘raithe marbh na bliadhna,’ the dead quarter of the year, to the winter months when nature is asleep.” (Vol 1, p172.)
Chaidh an dà abairt seo a chruinneachadh san Ìochdar, Uibhist a Deas, ann an 1987-88.
A bheil sibh eòlach air ainmean sam bith eile airson a’ mhìos An Gearran, no mìosan eile? Nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no Twitter ma tha!
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo