- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
ròmhan, ròmhanaich
Air a sgrìobhadh le Abi air 23 dhen Mhàrt 2017
An t-seachdain seo chaidh bha Ceit a’ bruidhinn mu dheidhinn gobhair, agus an-diugh tha mi a’ cumail ris a’ chuspair seo. San fhaclair Dwelly, tha ròmhan a’ ciallachadh: ‘groan; wild talk, raving, rigmarole’. Ann am Faclan bhon t-Sluagh aig DASG, ge-tà, tha e a’ ciallachadh raoic.Quotation: Leig e ròmhan as. Notes: “ròmhanaich” used of the roaring of a bull. Above used of a man.
Chaidh ròmhanaich a chruinneachadh cuideachd ann an Siorrachd Inbhir Nis ann an 1969 agus e’ ciallachadh ‘the roaring of stags.’
Tha iomadh facal mu ròmhan no ròmhanaich ann am Faclan bhon t-Sluagh. Chaidh am facal langanaich a chruinneachadh ann an Ceann a’ Bhàigh, Uibhist a Tuath, ann an 1980 agus e a’ ciallachadh ‘the bellowing of deer.’ Bha am facal bùireil air a chleachdadh ann an Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, airson ‘an tarbh a’ bùireil. Note: a bull bellowing.’ Uaireannan, ge-tà, bha e cuideachd air a chleachdadh airson cuideigin a bha a’ gal, mar phàisde. Bha deagh fhacal air a chruinneachadh ann am Bun Othain, Ìle, nuallanaich, agus e a’ ciallachadh ‘bellowing’ cuideachd.
A bheil faclan bhon sgìrean agaibhse son ròmhan no ròmhanaich? Bhiodh sinn uamhasach toilichte a chluinntinn bhuaibh. Tha duilleag againn air Facebook agus Twitter no faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean cuideachd
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo