Gàidhlig / English
Rè

Air a sgrìobhadh le Edit air 30 dhen Mhàrt 2017

Air an t-seachdain seo, tha mi a’ dol a choimhead air faclan eadar-dhealaichte airson na gealaich

Tha e coltach gum b’e easga (eDil esca) am facal Goidhealach tùsail airson na gealaich. Coltach ri iomadh cultar air feadh an t-saoghail, ge-tà, b’e  rud miotasach a bha anns a’ ghealaich. Air sgàth a giùlan shònraichte, a chuireas nur cuimhne breith agus bàs, agus làthaireachd ann an dorchadas na h-oidhche, bhiodh na Gàidheil a' toirt urraim dhi agus mar sin chleachdar briathrachas eile air a son an àite a bhith a’ toirt iomraidh dìreach oirre.

Mar a tha fios againn, ’s e am facal fhèin gealach – dìreach a’ ciallachadh ‘an rud geal’ – am facal as bitheanta air a son agus a tha air mairsinn gus an latha an-diugh. Ach bha faclan eile ann cuideachd, agus ’s e aon dhiubh. Ann am Faclan bhon t-Sluagh, chaidh am facal seo a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas ach tha e coltach gun robh e air a chleachadh mar ainm airson na gealaich air feadh na Gàidhealtachd. Tha cuideachd a’ nochdadh ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Mar as àbhaist, bidh air a cleachdadh mar roimhear (mar ann an rè na h-oidhche) ach tha cuideachd na h-ainmear, a’ ciallachadh pàirt shònraichte de ùine no bheatha, mar a tha e san abairt fad mo rè ’s mo latha, no bith-rè ‘lifetime’. A chionn ’s gu bheil a’ ghealach a’ toirt ùine shònraichte a dhol mun cuairt, chaidh , agus cuideachd uaireannan mìos a chleachdadh mar ainm air a’ ghealaich fhèin.

A bheil sibhse eòlach air mar fhacal airson na gealach? A bheil faclan eile agaibh air a son? Ma tha, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìosal no air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo