- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Goibhre
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 16mh den Mhart
An cuala sibh an abairt a leanas a riamh: “cho bodhar ri gobhar san fhoghar?!” Cha d’ fhuair mi lorg air an abairt seo ann am Facal bon t-Sluagh ach lorgar iomadach ciall eile air cùlaibh ‘gobhar,’ a thuilleadh air a’ bheothaich ghiobach a dh’aithnicheas sibh air mullach beinne.Bha an t-ainm ‘gobhar adhair’ bitheanta ann an iomadach àite, ged nach biodh an sluagh ag aontachadh buileach gu dè th’ ann. ’S e seo a theireadh muinntir an àite ri naosg ann an Cill Fhinn, Ceann a’ Ghiuthsaich agus Gleann Urchadan. Ach ’s e craon neo guilbhneach a bhiodh ann an gobhar adhair ann an Caol Acainn. Thoiribh sùil air Facal bhon t-Sluagh airson abairt nan Tiristeach a leughadh.
Ann an Inbhir Garadh, ’s e gobhar-dubh-an èisg a theirte ris an eun bheag dhonn air tòir èisg an uillt, neo ‘dipper’ mar a theirte ris sa Bheurla. ’S e gobha-uisge as aithne dhomh-sa: gobha beag cho salach leis an dubhadh air aodach sa chèardaich, ach a-mhàin gu bheil uchd gheal, ghlan ri fhaicinn fo lèine fhosgailte! Ach ciamar idir a tha an t-eun seo coltach ri gobhar?
Tha goibhre ri fhaicinn fo ur casan. ’S e gobhar bhreac a th’ anns an seilcheag le cochall air a dhruim. Os ur cionn anns an adhar,’s e fiasag nan gobhar a dh’innseas dhuibh gu bheil uisge gu bhith ann.
’S e gobhar bhacadh a th’ anns an raoide mu dheireadh den fhoghair. Nan robh sibh a’ comharrachadh Fèill Brìghde am bliadhna, is dòcha gun do rinn sibh dèideag a-mach às an raoide seo.
’S e a’ chèist a chuireas mise dhuibh: carson a tha gobhar a’ nochdadh cho tric ann am mac-meanmna nan Gàidheal? Ma tha an fhreagairt agaibh, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìseal neo air Twitter, neo air Facebook.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo