Gàidhlig / English
Bruimiseach

Bruimiseach

Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 14 an t-Iuchar 2016

’S e ‘bruimiseach’ facal na seachdain-sa, facal Leòdhasach.

Tha ‘bruimiseach’ air a chleachdadh coltach ris an fhacal bùrach, mar eisimpleir, “Rinn e bruimiseach dheth” a’ ciallachadh gun do rinn e bùrach dhen chùis.

Tha an uidhir faclan againn sa Ghàidhlig leis an aon chiall seo, agus chaidh faclan eile a chruinneachadh bhon aon neach seo ann an Eilean Leòdhais: “rinn thu bod-a-sgeing dheth” agus “rinn e gige dheth”. Bha ‘bruimiseach’ agus na faclan seo air an cruinneachadh bho chuideigin ann an Suaineabost, Nis, ann an Eilean Leòdhais, ann an 1972.

Bha facal eile air a chruinneachadh ann am Barabhais, ann an Eilean Leòdhais, ann an 1971: “bha an t-àite na rall”, a’ ciallachadh an aon rud ri ‘bruimiseach.’

An cuala sibh riamh ‘bruimiseach’ no na faclan eile mar sin? No a bheil abairt no faclan eile agaibh a’ ciallachadh an aon rud? Cuiribh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo