Gàidhlig / English
Dìobartan

Dìobartan

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 7 an t-Iuchar 2016

Tha sinn an dòchas gun till an samhradh agus gum faigh sinn cothrom facal na seachdain-sa fhaicinn. Bha dìobartan aig neach-labhairt à Gleann Urchadain air solas na grèine a bhiodh a’ dannsadh air bàrr an uisge, bhon ghnìomhair dìobair. ’S e dìobartan mìreanan èadhair no grèine a bhiodh a’ cuairteachadh is a’ brùthadh ri chèile. A rèir luchd-labhairt ann an Ceasag a Deas agus Srathghlais, nan robh dìobartan ann, bhiodh e coltach gun robh an adhar a’ criothnachadh is a’ cuairteachadh os cionn talaimh buige air latha teth. Bha samhla aca: bha e cho luath ris an dìobartan. Ann am Muile, ’s e crith-dhìobairtean am facal a bh’ aca.

Chaidh an aon fhacal a chlàradh o luchd-labhairt eile ann am Faclan Bhon t-Sluagh le na mìneachaidhean ‘sionnachan’ no ‘dòtaman’.

Chaidh facal ceangailte ri seo, goir teas, a chruinneachadh ann an Tiriodh, is e a’ ciallachadh ceò lainnireach a bhiodh sgapte thairis air an talmhainn. ’S e tionndadh den fhacal gaoir-theas a th’ anns an fhacal seo, a tha Dwelly a’ mìneachadh mar ‘plosgadh’ a chìte os cionn na talmhainn air latha teth. Gabhaidh am facal gaoir-theas a chleachdadh cuideachd airson lìontan damhain-allaidh a bhiodh a’ lainnreachadh air an fheur tron fhoghar a dhealbhachadh. Tha facal coltach ri seo, gair-teas cuideachd aig Dwelly, a tha a’ ciallachadh faileas na grèine a bhiodh a’ deàrrsadh air a’ mhuir no air an talamh.

Ma tha sibh eòlach air faclan eile coltach ri dìobartan no goir teas, faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean no air na duilleagan Facebook is Twitter againn.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo