Gàidhlig / English
Snaod

Snaod

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 21mh an t-Iuchar 2016
Theirinn-sa gum biodh sibh air leth fortanach nam faiceadh sibh biast dubh, neo dòbhran a’ snàmh seachad oirbh ann an àite iomallach air choreigin ann an Alba. Dh’fhaodte nach fhaigh sibh sealladh dhen bhiast dubh fhèin, leis cho diùid ’s a dh’fhaodadh iad a bhith, ach gum faic sibh snaod na biast dubh air fhàgail as a dhèidh san uisge. Aithnichidh sibh an snaod a dheànadh biast dubh a’ snàmh gu h-ìseal san uisge, agus nam faca sibh riamh iad a’ snamh, chitheadh sibh gun cumadh iad an sròn an àird. ’S e snaod a theirte ri lìon san Eilean Sgitheanach, agus ’s e ràs a theirte ri rud sam bith eile a bhios sibh a’ slaodadh tron uisge.

Cumaibh sùil a-mach airson slip na biast dubh air an fheur. Chaidh am facal seo a chlàradh anns na Hearadh agus ann an Scalpaigh, agus ’s e seo a theirte ri reum a th’ air fhàgail air bilean an fheòir nuair a snagas dòbhran air tìr.

Ann an Eilean Cheap Breatainn agus ann an Eilean na Nollaig, ’s e tasmaltan a th’ ann an slighe nam mathan a chitheadh sibh tro na preasan, agus bhiodh seo follaiseach leis mar a tha iad uile air am spadadh as a dhèidh. Bhiodh e cuideachd follaiseach leis a’ ghreallach a bhiodh air an rathad, nan robh greim-bìdhe aig a’ mhathain air an turas aige!

Ann an Uige, Eilean Leòdhais, ’s e atach a theirte ri dad sam bith nach eil gu feum sam bith tuilleadh, a tha air fhàgail ann am bùrach air an làr.

Ma tha sibh eòlach air gin de na faclan seo ceangailte ri luirgean a dh’ fhàgas diofar ainmhidhean, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìseal.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo