Gàidhlig / English
Latha na Feachaireachd

Latha na Feachaireachd

Air a sgrìobhadh le Abi air Diardaoin 31 Am Màrt
A bheil cuimhne agaibh air an sgeulachd seo bhon uiridh? Bha buidheann ann an Dubai ag amas air an Drochaid an Eilein Sgitheanaich a cheannach gus sin a thoirt air ais do dh’Unitied Arab Emirates. A rèir coltais, cha robh na Sgitheanaich idir deidheil air an seo, ach bhiodh obraichean air a’ bhàta-aiseig ann a-rithist. Bha deagh phìos mun sgeòil seo air prògram Choinnich…ach ’s e Là na Gocaireachd a bh’ ann! Chaidh an abairt Latha na Feachaireachd agus Latha na Gugaireachd a chruinneachadh ann an Loch a’ Chàrnain, Uibhist a Deas.

The diofar sgeulachdan ann mu ciamar a thòisich Latha na Feachaireachd no Gocaireachd sa chiad dol a-mach. Thathar air a ràdh gur h-ann ann an 1582 a thòisich e, nuair a dh’atharraich Pàpa Griogaraidh XIII Mìosachan Iulianach gu Mìosachan Griogarach ach cha robh fios aig a h-uile duine air an sin agus mar sin chomharrachadh le cuid Bliadhna Ùr air a’ chiad latha den Ghiblein an àite a’ chiad latha den Fhaoilteach. Abair amadain!

An d’rinn sibh dad riamh air cuideigin Là na Gocaireachd? No an d’rinn cuideigin eile dad oirbh air an latha siud? No a bheil guimean aig duine sam bith a tha math airson an oifis? ’S e latha-obrach a th’ ann an Là na Gocaireachd am bliadhna! Biodh sinn uamhasach toilichte na sgeulachdan agaibh a chluinntinn.

Cuimhnichibh gu bheil feart ùr againn airson na blogaichean – faodaidh sibh cunntas a chruthachadh gus beachdan fhàgail a-nis. Latha na Feachaireachd toilichte dhuibh uile bho sgioba DASG!
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
  • Admin

    Rinn iad a' chuis orm-sa ag eisteachd riutha a'deasbad air a' phrogram! Deagh bhlog an t-seachdain-sa!

    2016-04-05 11:04:29