- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Gaiseadh na Làimhe agus Mùthadh a' Chorrain
					Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 7 An Giblean 2016
					
				
				
				Tha an abairt gaiseadh na làimhe agus mùthadh a’ chorrain, a chaidh a chruinneachadh o neach-labhairt à Iolaraigh, Uibhist a Tuath, co-cheangailte ri tuathanachas, is e a’ mìneachadh dà rud a dhèanadh cron air a’ bhuain.’S ann anns a’ ghnìomhair gais a tha an t-ainmear ghnìomhaireach gaiseadh bunaichte, agus bhiodh e air a chleachdadh glè bhitheanta ann am briathrachas àiteachail mar dhealbhachadh air rud sam bith a chaidh ceàrr le toradh na bliadhna, mar eisimpleir gaiseadh bog, gaiseadh tioram is gaiseadh dubh air a’ bhuntàta. Anns an t-seagh seo, thathar a’ moladh leis an abairt gaiseadh na làimhe nach bu chòir dhan tuathanach a bhith spìocach le bhith a’ cur an t-sìl as t-earrach, air eagal ’s nach biodh buain bheartach aige an ath bhliadhna. Nam biodh cus de shìol air fhàgail aige na làimhe, cha bhiodh gu leòr de bhàrr aige aig àm na buana.
Tha an t-ainmear mùthadh bunaichte anns a’ ghnìomhair Laideann mūtāre, ‘atharraich’, a tha cuideachd na fhreumh air an fhacal Beurla ‘mutate.’ Leis an abairt mùthadh a’ chorrain, thathar a’ moladh dhan tuathanach an corran a chumail geur, gus nach biodh asbhuain air fhàgail anns an ùir nuair a bhiodh am bàrr air a gheàrradh. Fiù ’s nan robh beagan òirlich air fhàgail, cha bhiodh an toradh cho beartach an ath bhliadhna.
A bheil sibh eòlach air an abairt seo, no air abairtean coltach ris? Ma tha, faodaidh sibh a-nis cunntas a chruthachadh agus beachdan fhàgail fon bhlog a tha seo.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo