Gàidhlig / English
Boinne-gamhnaich

Boinne-gamhnaich

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 24mh am Màrt 2016
’S e boinne-gamhnaich facal na seachdaine. ’S ann an an sgìre nan Lochan ann an Eilean Leòdhais (mar a chithear anns an litreachadh) a chaidh am facal seo a chruinneachadh an toiseach agus a rèir Faclan bhon t-Sluagh air làrach-lìn DASG tha e a’ toirt iomradh air bròg na cuthaige (violet) a bhios a’ fàs tràth as t-earrach – mu dheireadh a’ Mhàirt.

’S e ‘milk of the farrow’ as chiall da gu litireil aig boinne-gamhnaich. ’S e bò aig a bheil laogh a tha aon bhliadhna a dh’aois no nas sine ach a tha fhathast a’ dèanamh bainne a tha ann an gamhnach (farrow) agus mar a chithear mar eisimpleir anns a' chunntas seo, tha e coltach gum biodh a’ bhainne seo ceart cho math, no uaireannan nas fheàrr, na bainne aig bò aig an robh laogh òg. Mar sin, dh’fhaodar beachdachadh gu bheil cleachdadh an abairt mar ainm an fhlùir seo a’ toirt iomradh air a chomas air a bhith a’ fàs ann talamh a tha air a bhith bàn rè mhìosan a’ gheamhraidh.

Tha ainm an fhlùir coltach ri seo, bainne-bò-gamhnach, a’ nochdadh ann am Faclair Dwelly, a’ ciallachadh ‘lousewort’, flùr a bhuineas dha na h-Eileanan Siar. Ged a chaidh an cruth seo den ainm (a rèir an fhaclair ceudna) a chruinneachadh ann an Colbhasa, tha e coltach gu bheil e a’ toirt iomradh air an aon fhlùr. Tha e cuideachd air a ràdh air làrach-lìn Virtual Hebrides gu bheil lousewort a’ fàs air talamh nas fliuiche agus doirbhe na lusan eile - mar sin ’s math dh’fhaodte gu bheil e a’ toirt iomradh eile air tùs an ainm seo.

Co-dhiù, tha sinn toilichte gu bheil an aimsir air blàthachadh agus gum faodadh flùraichean mar bhoinne-gamhnaich fàs a-rithist!

Ma tha sibh eòlach air boinne-gamhnaich mar ainm air flùr, no ma tha eòlas sam bith a bharrachd agaibh air mìneachadh an ainm seo, nach cuir sibh fios thugainn an-seo. 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo