Gàidhlig / English
Rothart nan Eun

Rothart nan Eun

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 17mh den Mhart

’S ann à Uibist a Tuath a tha an abairt a’ tighinn air an t-seachain seo: Rothart nan Eun. Is e seo a theirte ris a’ mhuir-làn as t-earrach. Bhiodh a’ mhuir-làn na b’ àirde na bhiodh e aig àm sam bith eile tro na mìosan a chaidh seachad. ’S e reothart mòr Fhèill Phàdruig a theirte ris cuideachd anns an Eilean Sgitheanach. Bhiodh na h-eòin a’ neadachadh air an tiùrr as dèidh don reothart a bhith air a thràghadh. Nam biodh sibh ann an staing no suidheachadh anns nach eil sibh toilichte, tha an abairt a leanas a’ cur nur cuimhne nach seasas an suidheachadh ro fhada mar a tha e:

“Rabhairt an diugh is conntraigh am màireach.”

An ath thuras s’ a bhios sibh a’ coiseachd air a’ chladach, cuimhnichibh gu bheil diofar ìrean ann. ’S e an tiùrr a theirte ris a’ chearcaill fheumainn as àirde air an tràigh, far am biodh na h-eòin a neadachadh. Tha an tràigh mhaorach nas ìsle air a’ chladach, nas fhaisge air a’ mhuir, far an togadh sibh partain, crùbagain no feusgain. ’S e tràigh shiolag, tràigh shiol no oitir-shiolag ìre a’ chladaich as fhaisge air a’ mhuir. Tha Facal bhon t-Sluagh ag innse dhuinn gum faigheadh siolagan furasda gu leòr. ’S e oitir a th’ anns a’ chiad earann na gainmhich a dh’ èiricheas os cionn na mara an toiseach nuair a thig an conntraigh no tràghadh. A rèir Dwelly, thathar ag ràdh oitir mhuirsgian, oitir shrùban, agus oitir-èiteag ri diofar oitirean ann an diofar àiteachan. ’S ann a rèir ’s na thogas sibh ann.
 
Nach cuir sibh fios thugainn an-seo ma tha faclan no sgeulachdan a bharrachd agaibh co-cheangailte ri Rothart nan Eun. Tha sinn daonnant' cho toilichte ur smaointean a leughadh an-seo.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo