Gàidhlig / English
Gaoth na Seichean

Gaoth na Seichean

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 10 am Màrt 2016
Duine sam bith a tha air a bhith a-muigh air an dùthaich o chionn ghoirid, bhiodh feum ann air an abairt air a bheil sinn a’ toirt sùil air an t-seachdain-sa. Chaidh an abairt gaoth na seichean a chleachdadh le neach-labhairt à Obar Neithich, Siorrachd Inbhir Nis, mar dhealbhachadh air gaoth fhuar an ear-thuath a thigeadh sa Mhàirt. Bhiodh glè bheag de dh’fheur ann aig an àm seo den bhliadhna, ach bhiodh na gaothan reòthte ga dhèanamh seargte agus donn, agus mar sin, bhiodh na beathaichean a’ fuiling leis a’ ghort. Tha an abairt gaoth na seichean a’ mìneachadh mar a bhiodh na caoraich a’ fàs na bu thaine is na bu thaine, gus nach biodh ach an seiche a’ còmhdach na cnàmhan.

Tha dòigh eile ann an abairt a mhìneachadh – bhiodh an àireamh de sheichean san t-sabhal a’ fàs na bu mhotha, fad ’s a bha beathaichean san achadh a’ bàsachadh air sgàth cion a’ bhìdh.

Tha am facal seiche freumhaichte ris an fhacal sigg a tha a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais agus e a’ ciallachadh ‘craiceann cruaidh.’

Ma tha sibh eòlach air faclan no abairtean eile air gaoth reòthte, tha e a-nis comasach dhuibh beachdan fhàgail an dà chuid air an làrach-lìn seo agus cuideachd tro na meadhanan sòisealta. An-diugh, thèid feart ùr fo na blogaichean beò – faodaidh sibh cunntas a chruthachadh agus beachdan fhàgail fo na blogaichean. Gabhaidh na seann bhlogaichean a leughadh fhathast, is iad air an cur an òrdugh a rèir a’ mhìos anns an deach an sgrìobhadh. Bidh ùidh mhòr againn ur beachdan a leughadh gach seachdain!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
  • Admin

    Tha abairt eile ann cuideachd a tha inntinneach: 'S fheàrr toit a' fhraoich na gaoth a' reothaidh!

    Another interesting phrase is 'peat smoke is preferable to freezing wind' i.e. it's better to be in an enclosed, smoky room than outdoors in a biting wind!

    2016-03-10 09:50:23