Gàidhlig / English
Atharrais Obrach

Atharrais Obrach

Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 24mh Sultain 2015

’S e ‘atharrais obrach’ facal na seachdain-sa, a tha a’ ciallachadh obair a chaidh a dhèanamh ann am bùrach - no ‘hotch potch job’ anns a’ Bheurla.

’S ann bho chuideigin ann an Glaschu a bhuineas do na Hearadh a chaidh an abairt seo a chruinneachadh, agus thug an duine eisimpleir den abairt mar seo: “Dè an atharrais obrach a tha sin?”

Tha ciall atharrais coltach ri “magadh” no “aithlis”, agus thèid a chleachdadh cuideachd mar seo: “ag atharrais ormsa” a’ ciallachadh “mimicking me.”

Dh’innis cuideigin anns an Ìochdar, Uibhist a Deas, gun cleachdar “riasladh” cuideachd anns an aon dòigh ri “atharrais obrach” airson iomradh a dhèanamh air obair a bha air a dhèanamh ann am bùrach.

A bheil sibhse eòlach air facal no abairt aig a bheil an aon chiall? Cuiribh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo