Gàidhlig / English
Puilm-shruth

Puilm-shruth

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 1mh den Dàmhair 2015.

Tha e na thlàchd dhomh an t-seachdain seo a bhith a’ toirt thugaibh beagan abairtean co-cheangailte ri sruthadh an uisge agus na diofar fhuaimean a chluinneas sibh nuair a bhios sibh nur suidhe air bruach na h-aibhne neo ri taobh an uillt sa ghleann. Chaidh an abairt puilm-shruth a chlàradh ann an Eilean Leòdhais, agus tha seo a’ mìneachadh sruthadh an uillt nuair a ghluaiseas e cho luath thar clachan is creagan agus èiridh builgeanan air bhàrr an uisge air sàillibh ’s sin. Cluinnidh sibh an sin torman an uillt. ’S e crònan no dùrdail a chluinneadh sibh bho allt na bu shocraiche.

’S e puilmean a th’ anns an fhuarain a bhiodh a’ tighinn am bàrr no a’ brùchdadh a-mach às an talamh agus bhiodh builgeanan ri fhaicinn air sàillibh sin. Dh’fhaodte gun cluinneadh sibh corraghul an fhior-uisge a’ puilbheadh suas às an fhuarain is sibh nur suidhe ri thaobh.

’S iomadh bàrd a fhuair an uiread de thlàchd a bhith ’g èisteachd ris an allt agus a’ dèanamh sgrùdadh air cruth is gluasad an uisge. Tha siud follaiseach bho na briathran brèagha sgrìobhte le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Tha seo a’ tighinn bhon dàn aige, Allt an t-Siùcair:

 

Gur milis, brisg-gheal, búrn-ghlan,

Meall-chúirneineach, ’s binn fuaim,

Bras-shruthain Uilt-ain-tsiucair,

Ri torman siubhlach luath:

Gach bioloir, ’s luibh le ’n úr-rós’

Ag cintinn dlú ma bhruaich;

’S e toirt dhoibh bhuaghan súghor,

Go ’n sui’bheathachadh mancuairt.

 

Búrn tana, glan, gun ruaghan,

Gun deathach, ruaim, no ceo,

Bheir anam-fáis, is gluasaid,

D’a chluanagan ma bhórd.

Gaoir bheachainn bhui, ’s ruagha,

Ri dioggladh chluaran óir,

’S cir-mheala d’ a chuir suas leo,

An ceir-chuachagan ’n a stóir.

 

Faodaidh sibh an còrr a leughadh an seo, agus cluinnidh sibh Allt an t-Siùcair air a ghabhail mar òran an seo.

 

Thig sinn gu crìch le abairt no dhà eile airson a chumail nur cuimhne nuair a thèid sibh a-mach air cuairt sìos taobh na h-aibhne. Ma tha an abhainn na gàire gheal, tha e làn agus a’ leum às dèidh tuil mhòr. Chuala mi fhìn sean-fhacal bho charaid, agus bheireadh seo rabhadh dhuibh nan cualadh sibh a leithid is sibh a’ coiseachd ri taobh na h-aibhne:

 

“Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn.”

 

Ma tha sibh eòlach air faclan sam bith eile airson diofar ghuthan an uillt, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook no air Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo