Gàidhlig / English
Druite chun a Chraicinn

Druite chun a Chraicinn

Air a sgrìobhadh le Abi air 17 An t-Sultain 2015

Tha faclan agus abairtean a chaidh a chruinneachadh anns na h-Eileanan an Iar mu dhroch aimsir, agus as dèidh laithean-saora fliuch anns Na Hearadh an t-seachdain-sa chaidh, chan eil sin na iognadh dhomh idir!

Tha an abairt na seachdain a th’ againn ‘Druite chun a Chraicinn’ agus chaidh e a chruinneachadh ann an Gòbhaig, Na Hearadh, còmhla ris an abairt ‘cho fliuch ri lach’ agus ‘bog bathte.’

Chaidh deagh abairt a chruinneachadh anns Na Hearadh ann an Iollaraigh, ‘Nach e a ghabh a’ bhùrsach’, a’ ciallachadh sìde fliuch agus fiadhaich, no cuideigin a ghabh smùid air an oidhche cuideachd.

Tha abairtean diofraichte airson cuideigin a thigeadh a-staigh air latha dona le aodaich agus brògan fliuch ann am Faclan bhon t-Sluagh air an làrach-lìn DASG. Ann an Uidhist a Deas, bha ‘bha e na mheabain’ air a ràdh mu phàisde a bha gu math fliuch an dèidh a’ cluich a-muigh air latha fluich, agus theireadh iad ‘O, b’e sin cas bheag a lodain’ ann an Suaineabost, Eilean Leòdhais. Chaidh an abairt ‘Fhuair thu do labanachadh’ a chruinneachadh anns Na Lochan ann an Eilean Leòdhais cuideachd mu chuideigin a thigeadh a-staigh fliuch agus salach.

Ann an Eilean Sgalpaigh Na Hearadh, chaidh an abairt ‘bha slip-slap aig air an làr’ a chruinneachadh airson cuideigin a bha gu math fliuch agus nuair a bha an brògan làn uisge. Bhiodh na brògan fliuch a’ dèanamh fuaim air an làr mar ‘slip-slap.’

Ma tha sibh eòlach air abairtean no faclan eile airson ‘Drùite chun a Chraicinn’ nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter?

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo