- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Iain-nam-bròg
’S e ‘iain-nam-bròg’ facal na seachdain-sa, pìos fiodh a bhiodh air a chleachdadh gus bòtannan a chur dheth.
’S e abairt choitcheann a th’ ann an ‘iain-nam-bròg’, a bhiodh air a chleachdadh mar is àbhaist le iasgairean. Mar a chì sibh bhon dealbh, tha cruth ‘V’ ga ghearradh ann am pìos fiodh agus bhiodh seo uabhasach cuideachail airson bòtannan mòra a chur dheth.
Chaidh ‘iain-nam-bròg’ a chruinneachadh bho chuideigin ann an Scalpaigh na Hearadh, ann an 1975. Bha faclan gu leòr eile aig a bheil ceangal ris an iasgach air an cruinneachadh bhon àite seo cuideachd, faic an duilleag an seo.
Tha an neach seo ag ràdh gu bheil abairt no facal eile aig a bheil an aon chiall ri ‘iain-nam-bròg’, ach chan eil cuimhn’ aca air. A bheil sibhse eòlach air facal no abairt ris an aon chiall? Cuiribh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo